
Tha Fèis Stramash ann an Steòrnabhagh a’ comharrachadh an deicheamh bliadhna aca anns an Lùnastal am bliadhna, agus tha Urras an Rubha agus Shanndabhaig toilichte a bhith am measg urrasaichean an Fhèis. Freagarrach airson an teaghlach air fad, làn spòrs agus an asgaidh airson a dhol ann, tha Stramash air a bhith mòr-chòrdte mar Fhèis choimhearsnachd bho thòisich e ann an 2012, agus tha e air ais aig Achadh Willowglen air an 12mh agus 13mh den Lùnastal. Tha am fèis deireadh-sheachdaineil air a stiùireadh gu saor-thoileach agus tha iad ag amas air ceòl beò bho na h-eileanan agus nas fhaide a bhrosnachadh, le sgioba sònraichte ag obair air cùlaibh chùisean a tha gu mòr airson spòrs agus toileachas a thabhairt dhan a h-uile duine a nochdas.
“Tha am Fèis an còmhnaidh air a bhith an asgaidh airson daoine a thighinn ann, agus tha sinn cho toilichte gun urrainn dhuinn inntrigidh an-asgaidh a thabhairt a-rithist am bliadhna, còmhla ri iomadh rud a bharrachd mar baga-tiodhlac airson clann fo 12 bliadhna a dh’aois, bouncy castle an asgaidh bho Hebridean Bouncy Castle, teatha, cofaidh agus briosgaidean airson na h-inbhich fhad’s a tha iad a’ coimhead na clann a’ bounsadh, agus tòrr mòr ceò beò mìorbhaileach,” tha Pòl MacMhathain, cathraiche Buidheann Coimhearsnachd Stramash Steòrnabhagh, a’ mìneachadh.
Tha Stramash a’ faighinn taic cudromach bho buidhnean mar Club Iasgach Mara Steòrnabhagh, Mowi Alba, Blackhouse Bakery, Specialist Welding Services Ltd agus barrachd, iomadh dhiùbh a tha air a bhith a’ toirt taic dhan Fhèis bho thòisich e air cùl trèilear aig Rubha Chudaigean. Ann an 2019, dh’aontaich Urras an Rubha agus Shanndabhaig urrasachadh 5-bliadhna de £7,000 a chuir air dòigh le Stramash, a’ tòiseachadh le pàigheadh adhartach £3,000 a chaidh a thaobh leudachadh-teanta ùr, a’ toirt dhaibh rùm airson àite-eagrachaidh air cùlaibh an stèidse le àite-stòras sàbhailte agus àite-amhairc airson daoine ciorramach neo le feum air cuideachadh. An dèidh stad anns an taic air sgàth a’ ghalair-cruinne Covid agus a’ bhriseadh-càball ann an 2020, seo a’ chiad bliadhna a tha maoineachadh bho URS air a bhith ri fhaighinn airson an taic còig-bliadhna ath-thòiseachadh. Am bliadhna seo tha an £1,000 bho URS a’ dol gu na cosgaisean deatamach a bhith a’ cur an tachartas air dòigh. Bho cosgaisean siubhail agus còmhdhail airson uidheamachd agus luchd-cluiche gu cosgaisean togail na fèise, cosgaisean seirbhiseadh-uidheamachd agus àrachais-tachartas, tha an t-airgead bho URS a’ cuideachadh a bhith a’ cumail am Fèis a’ dol gu sàbhailte agus gun trioblaid. Thuirt Manaidsear URS DI MacSuain mun tabhartas, “’S e tachartasan mar seo, a’ brosnachadh ceòl agus luchd-ciùil ionadail, leis a’ choimhearsnachd na theas-mheadhan, an dearbh seòrsa rud ris a bheil sinn ag iarraidh taic a thoirt. Tha Pòl agus an sgioba ag obair cho cruaidh airson seo a dhèanamh na thachartas-coimhearsnachd a tha saor dhan a h-uile duine, a dh’aindeoin aois, comas neo cosnadh, agus tha sinn an dòchas gum bi deireadh-sheachdain mìorbhaileach aig a h-uile duine an sàs ann an Stramash.”
Thuirt Pòl MacMhathain, “Bha fios againn gu robh droch bhuaidh air a bhith aig a’ bhriseadh-càball ann an 2020 air cosnadh tuathanas-gaoithe URS agus bha e na iongnadh mòr dhuinn cluinntinn gum biodh an t-airgead ri fhaighinn dhuinn am bliadhna. ’S e naidheachd math dha rìribh a th’ann dhan choimhearsnachd gu bheil URS air ais ag obair agus ag ath-slànachadh bho buaidh a’ chàball, agus tha e math dhuinne mar Fhèis gu bheil iad air ais mar luchd-urrasachaidh. Bha a’ chiad tabhartas ann an 2019 na chuideachadh mòr dhuinn agus am bliadhna tha sinn air an t-airgead a chaitheamh air a h-uile càil a chuir air dòigh ceart. Tha uiread a’ dol air adhart air cùlaibh chùisean, fiù’s mura bi aon phuing ciùil air a chluich, agus às aonais maoineachadh, cha bhiodh Fèis ann idir! Chan eil càil dhan a seo comasach às aonais an taic iongantach bho daoine mar Dhòmhnall Iain MacSuain agus a cho-
obraichean aig URS, agus a h-uile neach-taice eile a tha gar cuideachadh a bhith a’ cur na tachartasan seo air dòigh anns a’ choimhearsnachd. Dìreach seachdain neo dhà air fhàgail!”
Am bliadhna tha clàr an fhèis a’ gabhail a-steach Daxx agus Roxanne, Spanish, Dun Ringles, Big Wheels agus iomadh eile buidheann ionadail. Inntrigeadh an asgaidh – chan fheum ticeadan idir.

