
Tha clann bho sia sgoiltean air feadh Leòdhais air a bhith trang a’ planntadh craobhan fiùranach aig na sgoiltean aca an seachdain seo. Chaidh am pròiseact a chuir an cèill le Club Rothach Steòrnabhagh agus tha e air a lìbhrigeadh ann an compàirteachas le Urras an Rubha agus Shanndabhaig agus Pròiseact Croitean Coillteach. Tha e a’ tabhairt cothrom dhan a h-uile sgoilear a thòisich Bun-Sgoil 1 am bliadhna airson craobh ùr a phlanntadh.
Tha còrr air 120 clann bho Bun Sgoil Steòrnabhagh, Sgoil a’ Bhac, Bun Sgoil Lacasdal, Sgoil nan Loch, Bun Sgoil a’ Phàirc, agus Bun Sgoil Shiaboist air cuir a-steach airson pàirt a ghabhail anns a’ chiad bliadhna den phròiseact, a tha luchd-eagrachaidh an dòchas a thèid a sgaoileadh gu sgoiltean air feadh na h-Eileanan an Iar anns an fharsaingeachd agus a chumas a’ dol airson iomadh bliadhna ri teachd. Chaidh planntadh nan craobhan a stiùireadh le Viv Halcrow bho Pròiseact Croitean Coillteach, a chleachd a h=eòlas farsaing airson dèanamh cinnteach gu robh toiseach-tòiseachaidh mhath aig na craobhan. Tha na clann a’ planntadh iomadh gnè dùthchasach mar beithe, feàrna, craobh-sgìthich, craobh-fiodhag, agus crann-geal, agus cuidichidh iad uile le bhith a’ toirt fasgadh, dachaigh fiadh-bheatha, agus iomadachd cruth-tìre do gach sgoil. A’ gabhail àite ann an Seachdain Nàiseanta a’ Chraobh, tha am pròiseact planntadh na chothrom prìseil dho chlann a bhith ag ionnsachadh barrachd mu dheidhinn planntadh agus fàs chraobhan, a’ coimhead as dèidh an àrainneachd agus a’ coimhead mar a dh’fhàsas an craobh pearsanta aca fhèin còmhla riutha tro na bliadhnaichean sgoile aca agus seachad air a sin.
Thuirt Ceannard a’ Chlub Rothach, Anndra Sim: “Tha am pròiseact seo air a bhith iomadh bliadhna a’ tighinn gu buil, agus tha e air a bhith sgoinneil a bhith a’ caitheamh ùine le sgoilearan fhad’s a tha iad ag ionnsachadh mu dheidhinn na craobhan a tha iad a’ planntadh agus a’ cuideachadh le bhith gan cuir dhan talamh an seachdain seo. Tha PST air a bhith nan compàirteacharan math dha rìribh, agus tha Viv air a bhith fìor chudromach le bhith a’ faighinn am pròiseact chun an ìre seo.”
’S e Club Rothach Steòrnabhagh an aon Chlub Rothach anns na h-Eileanan an Iar, agus ged nach eil mòran buill aca tha iad air a bhith ag obair gu cruaidh airson pròiseactan ionadail a lìbhrigeadh a rèir an t-amas eadar-nàiseanta Rothach a bhith a’ toirt taic don àrainneachd. Tha am pròiseact Craobhan Airson Bun-Sgoiltean na phàirt den oidhirp sin, agus cuideachd ‘Ar Gàradh Ospadal’ aig NHS Eilean Siar a chaidh fhoillseachadh an seachdain a chaidh an dèidh trì bliadhnaichean de dh’obair bho buill den chluba. Mar chompàirtearan, tha Urras an Rubha agus Shanndabhaig air làn-thaic a thoirt don phròiseact, a tha a’ ceangal a-steach don amas fhèin air an àrainneachd agus obair leis a’ Phròiseact Croitean Coillteach mar phàirt den oidhirp còrr air 100,000 craobh a phlanntadh anns na h-Eileanan an Iar.
Chaidh Aonghas MacCormaig, Ceann-suidhe Onarach Urras an Rubha agus Shanndabhaig, agus thuirt e: “Tha am pròiseact seo fìor sònraichte oir tha clann a’ planntadh craobhan airson a’ chiad bliadhna san sgoil a chomharrachadh, agus faodaidh iad sealltainn mar a dh’fhàsas iad anns an àm ri teachd. Tha e na dhìleab do na clann seo airson a bhith a’ sealltainn air ais gu pròiseil air a’ chraobh a chuir iad aig aois ceithir neo còig aig toiseach am beatha, agus abair pròiseact math airson taic fhaighinn bhuainn. Taing mhòr do Chlub Rothach Steòrnabhagh airson an smuain iongantach aca, agus do Viv airson a h-eòlas air craobhan agus planntadh.”
Thuirt Peigi NicIllinnein, tidsear Bun-sgoil a h-Aon aig Bun Sgoil Lacasdail: “Bha clann bun-sgoil a h-aon aig Bun Sgoil Lacasdail gu math toilichte pàirt a ghabhail anns an sgeama planntaidh còmhla ri Club Rothach Steòrnabhagh, Urras an Rubha agus Shanndabhaig agus Pròiseact Croitean Coillteach, a tha ann an compàirteachas le Urras nan Coille. Chan ann a mhàin gu leasaich na craobhan àite-cluiche ar clann gu mòr, ach tha buannachdan curraicealam bho cothrom-ionnsachadh practaigeach mar seo fìor phrìseil. Mar sgoil gu lèir, an teirm seo tha sinn air a bhith ag ionnsachadh mu dheidhinn coinneamh COP26 a thuilleadh air a bhith a’ leasachadh ar dòighean Ionnsachadh A-Muigh, agus mar sin cha b’urrainn an sgeama planntaidh seo a thighinn thugainn aig àm nas fheàrr. Gu pearsanta, tha mi a’ coimhead air adhart gu mòr a bhith a’ faicinn na craobhan a’ fàs, còmhla ris a’ chlann as òige againn, thairis air na 7 bliadhna ri teachd còmhla ruinn anns a’ Bhun-Sgoil.
Tha Shawbost agus Sgoil Steòrnabhagh air an planntachadh aca a chuir dheth gu nas fhaide air a ’mhìos air sgàth Covid.
Dealbhan le Sandie Maciver.
