Coimhearsnachd aon cheum nas fhaisg air Muileann Gharraboist a dhìon

Tha Urras Muileann Gharraboist an-diugh ceum nas fhaisge air ceannachd coimhearsnachd a dhèanamh air Muileann Gharraboist, ag ainmeachadh gu bheil iad air duais-maoineachaidh fhaighinn bho Oighreachd a’ Chrùn. Bidh am maoineachadh seo airson an ceannachd, cosgaisean laghail agus àrachais co-cheangailte ris a’ cheannachd coimhearsnachd. Chaidh am Muileann a thogail ann an 1893 agus air a ruith gu malairteach gu 1956. Tha e air a bhith fo shealbhachd nam Moireasdanaich airson còrr air ceud bliadhna, agus tha e na làrach ùidh eachdraidheil chudromach airson an sgìre.

Air a stèidheachadh mar charthannas ann an 2021, tha Urras a’ Mhuileann air grunnan chomhairlichean coimhearsnachd a dhèanamh, mar suirbhidh 2021 de luchd-fuirich ann an Garrabost a lorg gu bheil 78% de luchd-freagairt ag iarraidh gun gabh an coimhearsnachd sealbhachd air a’ Mhuileann. Lorg suirbhidh nas fharsainge le Coimhearsnachd Uaine air luchd-fuirich ann am bailtean an Rubha agus Shanndabhaig gu bheil 70% taic a thaobh ceannachd-coimhearsnachd agus a bhith a’ tionndadh am Muileann na àite-turasachd ionadail. Chuidich Là Fosgailte soirbheachail anns an t-Sultain 2021 a thaobh barrachd comhairleachadh coimhearsnachd agus sheall e gu bheil barrachd taic ann airson a’ cheannachd, a chaidh a chuir air adhart gu oifigearan a’ Chomhairle agus comhairlichean ionadail.

Le ainmeachadh airgead bho Oighreachd a’ Chrùn, tha dòchasan iomadh duine anns a’ choimhearsnachd nas fhaisg air a thighinn gu buil, agus tha daoine dòchasail gum faigh iad air an eisimpleir seo de dh’eachdraidh sòisealta agus croitearachd ionadail a ghlèidheadh. Chuir Cathraiche Urras a’ Mhuileann, Brian Chaplin, fàilte air an naidheachd: “Tha sinne mar Urras a’ coimhead air adhart gu mòr ri na tha air adhart air a’ Mhuileann, agus a’ toirt ar dòchasan fhèin gu buil airson an togalach chudromach seo a ghlèidheadh mar phìos beò de dhualchas na h-eilean anns a’ choimhearsnachd. Tha sinn fìor thoilichte a bhith ag obair leis a h-uile duine airson ionmhasadh fhaighinn airson a’ Mhuileann agus a h-uile càil a tha e a’ riochdachadh de eachdraidh an sgìre. Taing mhòr dhan triùir chomhairlichean Rubhach againn: Alasdair MacLeòid, Tormod MacDhòmhnaill, agus Fionnlagh Stiùbhart, agus cuideachd taing do Alasdair agus Tony agus luchd-obrach eile Urras an Rubha agus Shanndabhaig airson an taic aca gu ruige seo.”

Tha Urras an Rubha agus Shanndabhaig gu mòr a’ toirt taic do amasan Urras Muileann Gharraboist, agus tha iad air a bhith an sàs gu dlùth anns an iarrtas-maoineachaidh seo a chaidh a dhèanamh an toiseach ann an 2020 agus air ùrachadh an uiridh. Thuirt Comhairliche Coimhearsnachd Alasdair MacNeacail mu dheidhinn ainmeachadh an tabhartas: “Ged a chaidh bacadh a chuir air tabhartas Oighreachd a’ Chrùn an uiridh, tha toireadh mar seo a’ gluasad cùisean air adhart. Tha Urras a’ Mhuileann a-nis deiseil airson tairgse cheart a dhèanamh airson a’ Mhuileann a cheannachd, agus airson tuilleadh maoineachadh a lorg airson an àite a leasachadh mar làrach cultarail, ann an dòigh a tha a’ freagairt an dualchas aige agus cho cudromach sa tha e airson leasachadh croitearachd anns a’ phàirt seo de Leòdhas.”

Tha tabhartas Oighreachd a’ Chrùn am measg iomadh iarrtasan-maoineachaidh a tha Urras an Rubha agus Shanndabhaig air a bhith an sàs ann, a’ toirt taic do bhuidhnean coimhearsnachd anns an sgìre mar Ionad Sgoil a’ Chnuic a tha fo shlighe, agus Slighe an Rubha agus Shanndabhaig a thathar a’ leasachadh an-dràsta. Tha pròiseactan ath-ùrachadh dùthchail mar seo, air an stiùireadh leis a’ choimhearsnachd agus airson am buannachd fhèin, fhathast na phrìomh-amas airson a h-uile duine.

Click to read this article in English.