Co-fharpais pìobaireachd cliùiteach a’ tilleadh a Steòrnabhagh

Bidh feadhainn de na pìobairean as fheàrr anns an t-saoghal a’ cluich ann an Steòrnabhagh anns a’ Ghiblean, le naideachd gu bheil an Co-fharpais Cuimhneachain Pìobaireachd Pìob-Mhàidsear Dòmhnall MacLeòid air ais an dèidh trì bliadhna dheth. ’S àbhaist co-fharpais Chomann Pìobaireachd Leòdhas agus na Hearadh a bhith air a chumail bliadhnail gus an tug galair-cruinne Covid buaidh air, ach bidh e a-nis air ais mar a bu chòir, agus le co-fharpais ùr òigridh cuideachd.

Airson cha mhòr 30 bliadhna, tha buidheann de phìobairean tàlantach air cuireadh fhaighinn airson pàirt a ghabhail anns a’ Cho-fharpais Bliadhnail mar chuimhneachain air Pìob-Mhàidsear Dòmhnall MacLeòid anns a’ bhaile do’m buineadh e. Bha Dòmhnall MacLeòid, a bhàsaich ann an 1982, na phìobaire agus gleusaiche mòr-chliùite, a tha air fhaicinn mar aon de na pìobairean as fheàrr den 20mh linn. Tha an Co-Fharpais Òigridh ùr gu bhith a’ cuir fàilte air sianar òigridh bho Uibhist, Barraigh, Leòdhas agus na Hearadh airson cluiche aig Taigh-Òsta a’ Chaladh ann an Steòrnabhagh air Diardaoin 6mh Giblean, agus as dèidh sin cluichidh ochdnar phìobairean a fhuair cuireadh pàirt a ghabhail anns a’ phrìomh Co-fharpais aig a’ Chaladh air Dihaoine 7mh Giblean.

Thuirt Dr Iain Mac a’ Ghobhainn, Cathraiche Comann Pìobaireachd Leòdhas agus na Hearadh, mun tachartas ri teachd: “Tha sinn cho toilichte sa ghabhas gun urrainn dhuinn an co-fharpais seo a chuir air adhart, a’ toirt na pìobairean as fheàrr den t-saoghal gu Steòrnabhagh airson dualchas ciùil Pìob-Mhàidsear Dòmhnall MacLeòid a chomharrachadh, agus tha sinn cuideachd mòr-thoilichte co-fharpais òigridh a chuir air dòigh, gus an urrainn pìobairean òga cothrom fhaighinn an sgilean a shealltainn ann an dòigh coltach ris na h-inbhich.

Bu toil leinn ar taing mhòr a thoirt do na prìomh urrasaichean againn, agus a h-uile duine a tha a’ dèanamh tabhartasan fialaidh a tha a’ leigeil leinn an co-fharpais cliùiteach seo a chuir air dòigh.”

Tha an tachartas air a bhileadh mar “Maighstirean-Saoghal Pìobaireachd” agus a’ faighinn taic bho trì phrìomh urrasaichean: Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS), Urras Cuimhneachain Gordon Duncan, agus Woody’s Express. Tha an carthannas ionadail tuathanas-gaoithe, Urras an Rubha agus Shanndabhaig, air pacaid-urrasachd 5-bliadhnail de £25,000 a ghealltainn airson an tachartas bho 2019, agus tha iad glè thoilichte gu bheil an co-fharpais a’ tighinn air ais. Thuirt Manaidsear URS, Dòmhnall Iain MacSuain, mun naidheachd: “Gheall URS taic a thoirt do Cho-Fharpais Cuimhneachain Pìobaireachd Pìob-Mhàidsear Dòmhnall MacLeòid ann an 2019, agus tha sinn cho toilichte fhaicinn a’ tilleadh an dèidh a’ ghalair-cruinne. Tha sinn a’ coimhead air adhart ris an Co-fharpais Òigridh ùr a bheir cothrom do shianar tàlantach cluiche airson na britheamhan. Tha URS a’ toirt làn-thaic do Chomann Pìobaireachd Leòdhas agus na Hearadh airson gu soirbhich leotha anns an tachartas, agus tha sinn an dòchas gun tèid gu math leis na pìobairean air an là!”

’S e na h-ochdnar phìobairean a tha air cuireadh fhaighinn gu Co-Fharpais Cuimhneachain Pìobaireachd Dòmhnall MacLeòid: William McCallum, Angus D MacColl, Callum Beaumont, Finlay Johnston, Connor Sinclair, Fred Morrison, Glenn Brown agus James Duncan Mackenzie.

’S e na sianar òg a tha a’ gabhail pàirt anns a’ Cho-fharpais Òigridh: bràthair is piuthar Eosaph is Mairead Galbraith bho Barraigh agus Padruig MacMillan bho Uibhist a Deas – oileanaich Dhòmhnaill Bàn MacDhòmhnaill – agus Innes Begg bho Ceann a’ Deas na Lochan, Eilidh NicDhòmhnaill bhon Tairbeart is Ruairidh MacDhòmhnaill bho na Lochan – oileanaich Ashley MacDonald.