Clas 1 a’ cur freumhan aig Bun Sgoil Shiaboist

Fhuair clann an taobh siar anns a’ chiad bliadhna den bhun-sgoil an craobhan dùthchasach fhèin anns an talamh an t-seachdain-sa mar phàirt den phròiseact Craobhan Airson Bun Sgoiltean, a chaidh a chruthachadh le Club Rothach Steòrnabhagh le taic bho Urras an Rubha agus Shanndabhaig agus Pròiseact Croitean Coillteach. Tha còignear chloinne bho Bun Sgoil Shiaboist air a thighinn còmhla ri buidhnean bho sgoiltean ionadail eile airson an craobhan a phlanntadh aig an sgoil aca. Bha clann Clas 1 bho Bun Sgoil Steòrnabhagh, Sgoil a’ Bhac, Bun Sgoil Lacasdail, Sgoil nan Loch agus Bun Sgoil a’ Phàirc a’ planntadh measgachadh de chraobhan dùthchasach mar bheithe, feàrna, calltainn, fiadh-ubhal, craobh-sgìthich, craobh-shirist agus caorann dìreach ro Nollaig. Tha na craobhan uile sin a’ dol a thoirt fasgadh, àrainneachd airson beathaichean, agus iomadachd cruth-tìre don eilean. Thàinig Anndra Sim bho Club Rothach Steòrnabhagh agus Robin Reid, Comhairliche Croitean Coillteach airson Leòdhas agus na Hearadh, còmhla ri sgoilearan agus tidsearan ann an Siabost air Dimàirt airson na craobhan ùr a chuir dhan talamh. Tha seo a-nis air Pròiseact Craobhan airson Bun-Sgoiltean a chrìochnachadh airson 2021.

Thuirt Anndra, Ceann-Suidhe an Club Rothach: “Bha e gu math duaiseachail na craobhan a phlanntadh ann an Siabost agus a bhith a’ faicinn cho mòr sa chord e ris na clann a bhith gan cladhach a-steach. Tha e air a bhith mìorbhaileach a bhith a’ cuir am pròiseact seo air dòigh, agus tha sinn a’ dol a thogail air soirbheachadh pròiseact 2021 airson an aon rud a dhèanamh ann an 2022. Tha sinn an dòchas gun gabh tòrr a’ bharrachd sgoiltean ionadail an cothrom seo a bhith an sàs ann, gus am faigh clann a’ tòiseachadh san sgoil an ath Lùnastal cothrom craobh a phlanntadh.”

’S e Club Rothach Steòrnabhagh an aon Chlub Rothach anns na h-Eileanan an Iar, agus tha iad air a bhith ag obair cruaidh airson pròiseactan ionadail a lìbhrigeadh a rèir amas Rothach Eadar-Nàiseanta air a bhith a’ toirt taic don àrainneachd. Tha Urras an Rubha agus Shanndabhaig nan com-pàirteacharan dlùth anns a’ phròiseact, a tha a’ ceangal a-steach don amas aca fhèin air an àrainneachd agus an t-obair aca le Pròiseact Croitean Coillteach agus oidhirpean a bhith a’ cuideachadh croitearan a’ planntadh craobhan anns na h-Eileanan an Iar. Thuirt Robin Reid, Comhairliche Croitean Coillteach ionadail: “Tha e math dha rìribh don Phròiseact Croitean Coillteach a bhith an sàs le teagasg clann òg mu dheidhinn an t-àrainneachd le bhith a’ leigeil leotha craobh a phlanntadh aig toiseach am beatha-sgoile. Tha sinn gu math toilichte gu bheil iad uile air gealltainn gun coimhead iad as an dèidh!”

A’ bruidhinn mu dheidhinn a’ phròiseact, thuirt Ceann-Suidhe Onarach Urras an Rubha agus Shanndabhaig Aonghas MacCormaig: “Tha am pròiseact seo fìor sònraichte, agus tha e a’ tabhairt dìleab mìorbhaileach do na clann seo, gu faod iad sealltainn air ais gu pròiseil air a’ chraobh a phlannt iad anns a’ chiad bliadhna den sgoil. Tha sinn cho toilichte a bhith an sàs anns a’ phròiseact seo agus tha sinn a’ toirt taing do Club Rothach Steòrnabhagh agus Pròiseact Croitean Coillteach airson an diòrras agus eòlas aca.”

Tha luchd-eagrachaidh an dòchas gun cùm am pròiseact a’ dol airson iomadh bliadhna ri teachd as dèidh soirbheachadh a’ chiad bliadhna dheth, agus gun gabh barrachd sgoiltean pàirt ann. Bidh am pròiseact fosgailte do Bhun-Sgoil sam bith anns na h-Eileanan an Iar agus tha e a’ tabhairt cothrom prìseil do chlann airson ionnsachadh mu dheidhinn planntadh agus fàs chraobhan, a’ coimhead as dèidh an t-àrainneachd aca agus a’ faicinn na craobhan aca a’ fàs bliadhna air bhliadhna. Gheibh gach sgoilear teisteanas air am planntadh aca agus bidh mapa aig an sgoil air far a bheil gach craobh a’ seasamh. Chaidh na craobhan uile fhaighinn bho Stark’s Ark ann an Leurbost.

Dealbhan le Sandie Maciver.

Click to read this article in English.