
Tha Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS) air Sgeama Rabhadh Teine ùr a chuir am bogadh airson cuideachadh a thoirt do theaghlaichean airson riaghailtean rabhaidh Riaghaltas na h-Alba a choileanadh. Thèid an sgeama a ruith tro Aonad Taic Lùth URS agus obraichidh iad le muinntir na sgìre airson dèanamh cinnteach gu bheil taighean a’ freagairt riaghailtean Riaghaltas na h-Alba airson Rabhaidhean-Teine Taigheil, a’ gabhail a-steach rabhaidhean ceò, teas agus aon-ogsaid carboin. Thèid na h-innealan-rabhaidh a stèidheachadh an asgaidh airson teaghlaich agus croitearan a tha a’ freagairt riatanasan an sgeama.
Bhon Ghearran 2022, chaidh an lagh ann an Alba atharrachadh a ràdh gu feum innealan-rabhaidh teine ceangailte a bhith anns a h-uile dachaigh, a’ ciallachadh gu fuaimnich a h-uile inneal ma thèid aon dhiubh dheth. Tha aig luchd-seilbhe an dachaigh na h-innealan a stèidheachadh, agus mura h-eil iad air an cuir a-steach dh’fhaodadh gun tèid tagairtean-àrachais a dhiùltadh ma tha teine ann an taigh nach eil a’ freagairt na riaghailtean ùra. Feumaidh innealan-rabhaidh ceò ceangailte a bhith anns an t-seòmar-fuirich agus a h-uile talla anns gach dachaigh, le rabhadh-teas anns a’ chidsin agus rabhadh aon-ogsaid carboin anns a h-uile taigh aig a bheil goileadair, teine neo teasadair neo-dhealanach.
Thuirt Dan Moireasdan bhon Aonad Taic Lùth: “Ann an cùrsa an obair againn don Aonad Taic Lùth, a’ coinneachadh daoine ionadail agus a’ bruidhinn riutha mu na feuman lùth aca, lorg sinn gu bheil iomadach dachaigh ann aig nach eil lorgairean-ceò neo gu bheil dìreach lorgairean neo-fhreagarrach aca. Tha sinn a’ lorg gu bheil grunnan dhachaighean ann nach eile a’ freagairt na riaghailtean ùra a chaidh a stèidheachadh le Riaghaltas na h-Alba an uiridh. Mar fhreagairt, chaidh an sgeama seo a chuir air adhart agus thèid a mhaoineachadh le Urras an Rubha agus Shanndabhaig, airson taic cheart a thoirt airson gu freagair dachaighean na riaghailtean agus gum bi iad nas sàbhailte a thaobh teine. A thuilleadh air sin, tha sinn fìor thoilichte a bhith a’ fasdadh teicneolach pàirt-ùine airson an obair seo.”
Tha an sgeama farsaing na amasan, an dùil cuideachadh a thoirt airson na h-innealan-rabhaidh ceart a chuir a-steach do dhaoine a tha a roghnach air an son. Tha dachaighean roghnach ma tha neach-fuireach annta nas aosta na 60 bliadhna, nas òige na 16 bliadhna, neo ma tha cosnadh nas lugha na £35.5k aca agus nas lugha na £28k air a shàbhaladh. Tha an t-Aonad Taic Lùth cuideachd a’ dol a thabhairt seirbhis-stèidheachaidh an asgaidh do dhachaighean nach eil roghnach, a’ ciallachadh gu feum neach-seilbhe an dachaigh pàigheadh airson na h-innealan-rabhaidh ach thèid an stèidheachadh an asgaidh le sgioba an Aonad Taic Lùth.
Thuirt Dòmhnall Iain MacSuain, Manaidsear URS: “Tha sinn gu math toilichte taic a thoirt don phlana cudromach seo a chaidh a chuir air dòigh le Dan Moiresdan agus Stewart Wilson tron obair aca don Aonad Taic Lùth. Chaidh Urras an Rubha agus Shanndabhaig a chuir air dòigh airson taic a thoirt don choimhearsnachd againn agus cuidichidh am pròiseact seo taighean ionadail a bhith a’ freagairt riaghailtean sàbhailteachd teine an asgaidh ann an iomadach dhachaighean.”
Thòisich Aonad Taic Lùth Urras an Rubha agus Shanndabhaig a’ freagairt iarrtasan anns an Dùbhlachd 2022 agus tha e air a ruith mar chompàirteachas, le maoineachadh bho tuathanas-gaoithe coimhearsnachd URS agus air a lìbhrigeadh le Comhairleachadh Mùirneag, Iain (Dan) Moireasdan agus Stewart Wilson. Tha an t-Aonad air £70,000 ann am pàighidhean-tabhartas a thoirt do dhaoine a tha a’ strì le prìsean àirde connadh bhon Dùbhlachd, le còrr air 100 iarrtas agus a’ tadhal air 70 dachaigh. Tha dachaighean roghnach air tabhartas £1,000 fhaighinn gach fear, anns a’ chumanta.
Click to read this article in English.
