Bochdainn-connaidh ann an Leòdhas air fhollaiseachadh tro thadhal-riaghaltas

Bha Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS) toilichte fàilte a chuir air Martin McCluskey, am Ministear airson Luchd-Cleachdaidh Lùtha, agus am BP Torcuil Crichton do na h-oifisean aca air 19mh Màrt mar phàirt de thuras nas fharsainge a dh’Eilean Leòdhais.

Anns an turas don Rubha, choinnich am ministear le sgioba Aonad Taic Lùth (ATL) URS airson barrachd ionnsachadh mu mheudachd bochdainn-connaidh gu h-ionadail agus an taic phractaigeach a thathar a’ lìbhrigeadh do theaghlaich air feadh an Rubha agus Shanndabhaig. Bha cuideachd cothrom aig a’ mhinistear a bhith a’ bruidhinn ri luchd-fuirich ionadail mu dheidhinn bochdainn-connaidh agus an taic a tha iad air fhaighinn bhon t-ATL.

Maoinichte gu lèir tro chosnadh bho thuathanas-gaoithe coimhearsnachd URS, Beinn Ghrideag, tha an t-ATL air còrr air £410,000 ann an taic-dìreach a sgaoileadh do theaghlaich ionadail. Tha seo a’ gabhail a-steach pàigheadh èiginn-connaidh, comhairle lùth agus cuideachadh practaigeach gus an urrainn do dhaoine an dachaighean a theasachadh gu sàbhailte agus gu saora.

Tha an turas a’ tighinn an dèidh aithneachadh nàiseanta don ATL, a tha air an geàrr-liostadh airson Ceatharnach Lùth na Bliadhna aig na Duaisean Lùth 2026.

Thuirt Dòmhnall Ian MacSuain, Manaidsear Urras an Rubha agus Shanndabhaig: “Bha sinn gu math toilichte fàilte a chuir air Martin McCluskey agus Torcuil Crichton gus am faigheadh iad dlùth-shealladh air buaidh an t-obair againn. Chan eil fada bho thadhail Michael Shanks air Beinn Ghrideag, agus tha seo a’ neartachadh an t-aithneachadh a tha a’ fàs mun dreuchd a dh’fhaodas a bhith aig lùth coimhearsnachd. Tron tuathanas-gaoithe againn, faodaidh sinn lùth ath-ùrachail a thionndadh gu taic shusbainteach airson daoine ionadail, a’ sabaid bochdainn-connaidh agus a’ lìbhrigeadh buannachd seasmhach don choimhearsnachd.”

Thuirt Stewart Wilson bhon Aonad Taic Lùth, air a lìbhrigeadh le Comhairleachadh Mùirneag air leth URS: “Tha e fìor luachmhor do mhinistearan a bhith a’ faicinn gu soilleir mar a tha bochdainn-connadh a’ toirt buaidh air teaghlaich an seo anns na h-Eileanan an Iar. Tha an taic a tha sinn a’ tabhairt tron ATL a’ gabhail a-steach tòrr a bharrachd na dìreach a’ cumail na solais air; tha sinn ag obair airson strì-eanchainn a lùghdachadh, slàinte a leasachadh agus a’ toirt misneachd do dhaoine gun urrainn dhaibh an dachaighean a theasachadh. Tha iarrtas fhathast a’ fàs, agus tha iomairtean mar Blàths Gun Dragh a’ toirt dhuinn dòighean a bhith a’ freagairt gu leantainneach le cuideachadh targaichte, practaigeach.”

Dh’fhollaisich an turas mar a dh’fhaodas do lùth-coimhearsnachd a bhith a’ lìbhrigeadh buannachd so-bheantainn gu h-ionadail, a’ dèanamh cinnteach gu bheil an gluasad gu lùth ath-ùrachail cuideachd a’ toirt taic dhaibhsan a tha gu h-àraidh fo bhuaidh èirigh cosgaisean-lùtha.

Dealbh: Buill de Aonad Taic Lùth URS le luchd-fuirich a tha air taic ATL fhaighinn, am Ministear Luchd-cleachdaidh Lùth Martin McCluskey agus BP nan Eilean Siar Torcuil Crichton.

Clì-deas san dealbh: Stewart Wilson (ATL URS), Alex Moireach, Torcuil Crichton BP, Chris Humphries, Martin McCluskey (Ministear Luchd-cleachdaidh Lùth), Sarah Friseal, Dan Moireasdan (ATL URS), Catriona Walker

Creideas dealbh: SandiePhotos

Click to read this article in English.