
Tha Comann Slàinte-Inntinn nan Eilean Siar (CSIES), carthannas stèidhichte ann an Steòrnabhagh, air barrachd iarrtas fhaicinn airson na seirbhisean aca o chionn ghoirid. Tha iad air tabhartas £9,771 fhaighinn bhon charthannas tuathanas-gaoithe ionadail Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS) airson cuideachadh le na cosgaisean aca. Tha Catch 23 a’ tabhairt seiseanan làitheil airson inbhich aig a bheil trioblaidean slàinte-inntinn, an caraidean, teaghlaichean agus luchd-cùram, agus tha e air a lìbhrigeadh le sgioba de cheathrar aig a bheil tòrr eòlas le bhith a’ toirt taic do dhaoine ann an èiginn le trioblaidean slàinte-inntinn is fallaineachd. Tha àireamhan dhaoine a’ sireadh taic bho Catch 23 air dùblachadh bho àireamhan ron ghalair-cruinne, le luchd-obrach tric a’ faicinn còrr air 20 duine gach là.
Airson carthannas beag mar seo, tha an t-iarrtas nas motha airson na seirbhisean cudromach aca air a bhith duilich, gu h-àraidh leis an èiginn cosgais-beatha, agus tha maoineachadh airson Catch 23 a chumail a’ dol air a bhith na phrìomh amas aig Rebecca Mahony, Manaidsear Pròiseact CSIES. “Tha fios aig Comann Slàinte-Inntinn nan Eilean Siar gu bheil cùisean airgid duilich dhuinn uile an-dràsta, carthannasan beaga ionadail mar sinn fhèin nam measg. ’S e aon de na prìomh neartan againn mar bhuidheann gun urrainn dhuinn a bhith sùbailte agus freagairteil, a’ freagairt seirbhisean Catch 23 gu feuman ar buill.
“Tha sinn gu nàdarrach air fàs gu bhith nar ‘ionad blàth’ airson buill a chuideachadh leis an èiginn cosgais-beatha, agus a thuilleadh air ar seirbhisean slàinte-inntinn, tha sinn a’ tabhairt diathad teth 4 là san t-seachdain, le deochan teth is fuar agus greimean-bìdhe. A thuilleadh air sin, tha sinn a’ sireadh diofar chur-seachadan teiripeach a thabhairt, mar cuairtean-slàinte; iòga; sgrìobhadh cruthachail; ceòl; agus taic deoch-làidir agus drogaichean còmhla ris na seiseanan seachdaineil againn.”
Air sgàth an t-iarrtas nas motha airson na seirbhisean aca, tha Catch 23 tric a-nis a’ toirt taic do an dara chuid a-rithist den àireamh de dhaoine a’ sireadh taic slàinte-inntinn, daoine ann an meadhan èiginn slàinte-inntinn agus daoine le trioblaidean slàinte-inntinn cruaidh agus leantainneach. Airson taic a thoirt dhaibh gu sàbhailte, tha aig 3 de luchd-obrach pròiseact CSIES a bhith ag obair gach là an àite 2, a’ ciallachadh nach urrainn uiread de sheiseanan làitheil a bhith aca agus barrachd airgead ga chaitheamh air cosnadh luchd-obrach Catch 23. Airson cuideachadh leis na cosgaisean sin, tha an tuathanas-gaoithe coimhearsnachd Urras an Rubha agus Shanndabhaig air tabhartas £9,771 a thoirt airson cuideachadh leis an ath 12 miosan de chosgais-cosnadh aig Catch 23.
Thuirt Rebecca Mahony: “Tha taic ionadail bho bhuidheann iongantach mar Urras an Rubha agus Shanndabhaig a’ ciallachadh uiread dhuinn. Tha URS ag ionmhasadh uiread nar coimhearsnachd airson dèanamh cinnteach gu faod iomadach buidheann a bhith ag obair gu leantainneach agus gu seasmhach, sinne nam measg.
“Aig CSIES tha sinn a’ creids gu bheil slàinte-inntinn a h-UILE duine a’ cheart cho cudromach. Tha an tabhartas seo bho URS a’ nochdadh aig àm deatamach dhuinn agus leigidh e leis an sgioba luchd-obrach pròiseact iongantach, sgileil, eòlasach againn a chumail a’ dol a’ toirt taic do dhaoine nar coimhearsnachd a tha a’ strì le slàinte-inntinn tro na gnìomhan-taice Catch 23 againn. Tha barrachd iarrtas airson Catch 23 na bha againn a-riamh roimhe, agus tha sin a’ dèanamh an t-ionmhasadh bho URS nas prìseile buileach.”
Thuirt DI MacSuain, Manaidsear URS: “Tha luchd-obrach pròiseact Catch 23 a’ dèanamh obair deatamach le bhith a’ lùghdachadh stiogma agus aonaranachd a tha an cois tinneas-inntinn, a’ tabhairt àite sàbhailte do dhaoine airson coinneachadh an seo ann an Leòdhas. Tha sinn gu math toilichte tabhartas coimhearsnachd £9,771 a thoirt a thaobh cosgaisean na seirbheis, oir tha sinn den bheachd gu bheil e cudromach taic a thoirt dhaibhsan le trioblaidean slàinte-inntinn, na teaghlaichean aca, agus an luchd-cùram.”
Tha Catch 23 a’ ruith Diluain-Dihaoine bhon t-ionad aca air Sràid Ceann a’ Bhàigh, Steòrnabhagh. Tha barrachd fiosrachadh air duilleag Facebook Catch 23. Tha an seirbheis a’ cuideachadh daoine an slàinte inntinn agus corporra a mhanaidseadh, a’ stèidheachadh agus a’ cumail a’ dol fallaineachd agus gnàth-beatha, agus a’ sabaid aonaranachd pearsanta agus sòisealta. Chaidh CSIES a thaghadh mar a’ charthannas airson Railidh Baidhsagal “Midgie Biters” an bliadhna anns an Òg-Mhios 2024.
Photos: SandiePhotos – Catch 23 members and staff, Feb 2024.
Click to read this article in English.
