Ath-ùrachadh £202,000 air uinneag eachdraidheil ann an eaglais Naomh Chalum Cille

Tha Eaglais Naomh Chalum Cille ann an Steòrnabhagh air an pàigheadh mu dheireadh a dhèanamh air a’ phlana 13-bliadhna airson na h-uinneagan dathte eachdraidheil aca ath-ùrachadh. Thog co-thional na h-eaglaise cha mhòr £110,000 thair còrr air deich bliadhna airson na h-uinneagan ath-ùrachadh gu mar a b’àbhaist dhaibh a bhith. Thathar a’ cuir ris an t-suim seo le tabhartas £50,000 bhon tuathanas-gaoithe coimhearsnachd Urras an Rubha agus Shanndabhaig, agus tabhartas is iasad £30,000 bho Eaglais na h-Alba am measg luchd-taice eile.

Tha luchd-ceàirde glainne dathte, Rainbow Glass Studios ann am Prestwick, air obair a thòiseachadh air a’ phròiseact aig an eaglais anns a’ Chèitean 2019, a’ dèanamh an t-ath-ùrachadh ann an trì ìrean, a’ gabhail a-steach toirt na h-uinneagan gu tìr-mòr mus deach an stèidheachadh gu deireannach anns an t-Sultain 2019. Le obair clachaireachd deiseil ann an 2020 agus obair sgeadachaidh air taobh-a-staigh na h-uinneagan deiseil ann an 2021, tha am pròiseact a-nis pàighte gu lèir agus tha na h-uinneagan nan teisteanas air oidhirp coimhearsnachdail beatha a thoirt dhaibh a-rithist.

Ann an 2019, thuirt an t-Urr. Uilleam Heenan, ministear aig Naomh Chalum Cille, gu robh e an dòchas gum biodh na h-uinneagan ath-ùraichte nan samhla airson solas a’ dol a-mach don choimhearsnachd bhon eaglais. Thuirt e: “Tha mi creids gu robh am pròiseact beagan fadallach. Bha sinn a’ sàbhaladh fad na seachd bliadhna a tha mi air a bhith an seo, a’ cuir airgead gu aon taobh oir bha fios againn gu feumadh sinn an t-obair a dhèanamh a dh’aithghearr. Nuair a thòisich sinn air a’ phròiseact, tha againn ri bhith a’ dèiligeadh leis na h-Urrasaich Coitcheann, agus ailtirean. Seach gu bheil an togalach air a liostadh, bha againn ris a h-uile càil ath-sholarachadh mar a bha e. Ach nuair a chì thu am pròiseact crìochnaichte, air ais gu mar a bha e o thùs, tha e dìreach sgoinneil.”

Chaidh an t-Eaglais a thogail anns a’ chiad àite ann an 1794 le uinneagan fiodha. Chaidh na h-uinneagan glainne-dathte a stèidheachadh ann an ath-ùrachadh den eaglais ann an 1885. Nuair a thòisich còmhradh mu ath-ùrachadh eile ann an 2013, bha na h-uinneagan ann a’ cuir feum air càradh gu mòr. Leis a’ phàirt mu dheireadh de thabhartas £50,000 Urras an Rubha agus Shanndabhaig a’ tighinn am mios seo, chuir Ionmhasaiche na h-Eaglais, Joan Iversen, crìoch air a’ phròiseact ath-ùrachadh le bhith a’ dèanamh am pàigheadh mu dheireadh agus a’ dùnadh Ionmhas Uinneagan na h-Eaglaise.

Le iomadh pròiseact den leithid seo, tha clèireach an t-seisein Graham Moireasdan ag ràdh, ’s àbhaist tuairmsean-toisich a bhith a’ fàs nuair a tha e a’ fàs follaiseach gu bheil feum air barrachd obair. Mar eisimpleir, anns a’ chùis seo, an t-obair clachaireachd a rinn Harper & Allan, clachairean bho Obar Dheathain. Tha cosg deireannach a’ phròiseact a’ seasamh aig £202,000, a’ gabhail a-steach ath-phàigheadh air na h-iasadan bho Eaglais na h-Alba. Thuirt Mgr Moireasdan aig toiseach a’ phròiseact, “Ghabh an co-thional an t-iasad seo ‘ann an creideas’. Chaidh an togalach a thoirt dhuinn mar dhìleab bho iadsan bh’ann rothainn a’ dèanamh ìobairtean anns an là acasan. ’S e ar dleastanas a th’ann a bhith a’ coimhead as dèidh an togalach, ga ghlèidheadh gus am faod sinn a thoirt dhaibhsan a leanas, ann an toil an Tighearna.” Thuirt Mgr Moiresadan as dèidh an pàigheadh mu dheireadh fhaighinn gu robh “cuideachadh Urras an Rubha agus Shanndabhaig gu math feumail dhuinn”.

Thuirt manaidsear Urras an Rubha agus Shanndabhaig, Dòmhnall Iain MacSuain: “Tha URS ag amas mar bhuidheann airson ar maoineachadh a chleachdadh airson taic a thoirt do fhallaineachd ar coimhearsnachd, agus tha am pròiseact seo a’ buntainn chan ann a mhàin air na daoine a tha a’ frithealadh Naomh Chalum Cille, a rinn uiread airson airgead a thogail airson a’ phròiseact iad fhèin, ach airson dualchas togalach na h-Eaglaise fhèin a tha a-nis air ath-ùrachadh gu mar a bha e o thùs leis na h-uinneagan eachdraidheil seo.”

Creideas Dealbh: SandiePhotos

Click to read this article in English.