Aonta-lùth cothromach airson coimhearsnachdan Albannach – an tuathanas-gaoithe coimhearsnachd as motha ann am Breatainn a’ dèanamh iarrtas air an Riaghaltas lùth coimhearsnachd a bhrosnachadh.

Tha an tuathanas-gaoithe coimhearsnachd as motha ann am Breatainn, fo smachd Urras an Rubha agus Shanndabhaig air Eilean Leòdhais, air iarrtas a dhèanamh air Riaghaltasan na h-Alba agus Breatainn airson lùth coimhearsnachd a bhrosnachadh gu radaigeach. Thathar airson buannachdan eaconomaigeach an tionndadh lùth uaine a sgaoileadh gu coimhearsnachdan air feadh Alba.

Tha seo a’ leantainn foillseachadh pàipear ùr le co-bhanntachd de chòig buidhnean leasachaidh-coimhearsnachd ann an Alba (Lùth Coimhearsnachd Alba, Fearann Coimhearsnachd Alba, Comann Urrasan Leasachaidh Alba, Airgeadas Coimhearsnachd Albannach agus Caidreachas Coimhearsnachd Albannach) a’ dèanamh iarrtas de 7 phrìomh phuingean, a’ gabhail a-steach:

  • meudachadh deich-fhillte de lùth choimhearsnachd ann an Alba gu 1 Gigawatt (1,000 MW) ro 2030
  • cleachdadh ‘ath-chumhachdachadh’ de thuathanasan-gaoithe anns an àm ri teachd airson sealbhachd coimhearsnachd a bhrosnachadh anns an roinn lùth
  • ga dhèanamh riatanach do leasaichearan prìobhaideach a bhith ag aithisg air pàigheadh-buannachd coimhearsnachd bho na pròiseactan lùth ath-ùrachail aca
  • cruthachadh Ionmhas Beartas Coimhearsnachd ann an Alba airson dìleab leantainneach a dhèanamh cinnteach bhon ar-a-mach lùth uaine.

Thuirt Calum MacDhòmhnaill, Stiùiriche Leasachaidh airson Urras an Rubha agus Shanndabhaig agus Stiùiriche aig Lùth Coimhearsnachd Alba:

“Tha e a-nis air aithneachadh gu farsaing nach d’fhuair Alba mòran buannachd bho na deich bliadhna mu dheireadh de mheudachadh lùth uaine, le dìreach beag-shruth de bhuannachdan agus obraichean a’ tighinn gu coimhearsnachdan agus eaconomaidhean ionadail, leis a’ chuid as motha den phrothaid lùth uaine a’ dol thall-thairis.

“Tha brosnachadh de lùth fo shealbh coimhearsnachd na dhòigh airson sin atharrachadh, agus tha dùthchannan mar an Danmhairc a’ sealltainn dhuinn gu bheil e comasach ma tha e a’ faighinn taic bho poileasaidhean ceart bhon riaghaltas. Dh’fhaodadh atharrachaidhean-poileasaidh a dhèanamh mar a bhith a’ toirt inntrigidh cothromach ri griod dealan do choimhearsnachdan, agus a’ toirt prìomhachas do lùth coimhearsnachd an àite companaidhean prìobhaideach nuair a thathar a’ fastadh fearann riaghaltas airson leasachadh. Cha chosgadh sin càil do luchd-pàigheadh cìsean ach bhiodh buaidh iongantach aige. Nam biodh e air a leasachadh gu mòr-sgèileach, bhiodh e a’ ciallachadh ceudan de mhillean de phrothaidean-lùth a’ tighinn air ais do eaconomaidh na h-Alba.

“Le taghaidhean anns an amhairc an dà chuid ann an Alba agus Breatainn, ’s e seo an t-àm ceart airson iarrtas a dhèanamh air tionndadh radaigeach a thaobh lùth uaine bhon a h-uile pàrtaidh a tha a’ farpais airson taic luchd-bhòtaidh na h-Alba.”

Ann an 2021, choimisean Urras an Rubha agus Shanndabhaig aithisg neo-eisimeileach a sheall gu bheil tuathanasan-gaoithe coimhearsnachd na h-Alba air toirt, gu cuibheasach, 34 uireadan a bharrachd pàigheadh-buannachd do choimhersnachdan ionadail na tuathanasan-gaoithe fo smachd prìobhaideach. Chaidh an t-aithisg a dhèanamh le Aquatera Earranta, agus rinn iad coimeas air naoi tuathanasan-gaoithe coimhearsnachd agus ceithir prìobhaideach ann an Alba, a’ lorg gu bheil tillidhean-bliadhnail bho tuathanasan-gaoithe coimhearsnachd a’ ruighinn mu £170,000 gach MW, fada a bharrachd na pàigheadh-buannachd coimhearsnachd coitcheann sa ghnìomhachas de £5,000 gach MW gach bliadhna.

Tuathanas-gaoithe coimhearsnachd Beinn Ghrideag, Eilean Leòdhais. Fo shealbh agus air a ruith le Urras an Rubha agus Shanndabhaig.

Creideas dealbh: SandiePhotos

Click to read in English.