
Dh’ainmich Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS) gun d’fhuair an t-Aonad Taic Lùth (ATL) aca geàrr-liostadh airson an duais urramach Ceatharnach Lùth na Bliadhna aig Na Duaisean Lùtha 2026. Tha an duais, airson pròiseactan a tha a’ toirt taic do dh’èifeachdachd-lùth, bochdainn-connaidh agus neo-charbonachadh, a’ toirt aithneachadh do dhaoine agus do bhuidhnean aig a bheil buaidh mothachail air roinn lùth an Rìoghachd Aonaichte tro dhìlseachd, cruthachas, agus co-obrachd.
Tha an t-ATL a’ toirt taic deatamach do theaghlaich a tha a’ strì le bochdainn-connaidh ann an Eilean Leòdhais, a’ lìbhrigeadh taic airgid dìreach, comhairle lùth agus tagrachd le Comhairleachah Mùirneag, agus air a mhaoineachadh air fad tro tuathanas-gaoithe coimhearsnachd URS aig Beinn Ghrideag. Gu ruige seo, tha an sgioba air còrr air £410,000 de dh’airgead airson bochdainn-connaidh a thoirt seachad, a’ toirt taic do cheudan de theaghlaichean agus a’ cuideachadh buaidh chosgaisean-lùth air slàinte agus fallaineachd a lùghdachadh.
A’ togail air an obair seo, chuir an t-ATL am pròiseact ùr-ghnàthach ‘Blàths Gun Dragh’ am bogadh, le taic bho thabhartas de £192,674 bho sgeama ceartachaidh lùth an t-Urras Sàbhaladh-Lùth. Tha an t-iomairt dà-bhliadhnail a’ dol a thoirt taic stiùirichte airgid, practaigeach agus dòigh-obrachail do theaghlaichean, a’ toirt ri chèile tabhartasan-èiginn le comhairle sàr-eòlach air teas, gaothrachadh, agus rianachd-fliuchras airson an dà chuid adhbharan agus buaidhean bochdainn-connaidh a shabaid.
Thuirt Stewart Wilson bhon ATL agus Comhairleachadh Mùirneag: “’S e fìor aithneachadh de obair an sgioba againn a th’anns an geàrr-liostadh airson Ceatharnach Lùth na Bliadhna, ach tha e cuideachd a’ tighinn aig àm far a bheil an t-obair sin nas cudromaiche na bha e a-riamh. Tha cùisean anns an t-saoghal mu thràth a’ spionnadh àrdachadh geur ann am prìsean ola, agus tha sinn a’ faicinn buaidh bhon a sin anns a’ bhad ann an coimhearsnachdan dùthchail. Anns na h-Eileanan an Iar, tha mòine a’ fàs nas cudromaiche a-rithist le cosgais ola a’ sreap seachad air £1 gach liotair, meudachadh cha mhòr 50% mus robh seachdain fiù’s seachad. Anns an Rìoghachd Aonaichte air fad, tha prìsean ola-teas còrr air dùbailte na bha iad ann am feadhainn de sgìrean air sgàth buaireadh-solarachd.’S ann air sgàth seo a tha iomairtean mar an t-Aonad Taic Lùth agus Blàths Gun Dragh cho cudromach, ag obair gu cruaidh gus an urrainn do dhaoine nar coimhearsnachd an dachaighean a theasachadh le urram, fiù’s aig àmannan de neo-sheasmachd cruinneil.”
A thuilleadh air lìbhrigeadh sreath-toiseachail, tha an t-ATL air pàirt a ghabhail ann an sgrùdadh nàiseanta agus còmhraidhean-poileasaidh, a’ sealltainn mar a dh’fhaodas do lùth ath-ùrachail fo shealbhachd coimhearsnachd a bhith air ath-ionmhasadh airson buaidh sòisealta a’ lìbhrigeadh gu susbainteach.
Bidh buill de Urras an Rubha agus Shanndabhaig agus sgioba an t-ATL aig tachartas Na Duaisean Lùtha air an 13mh Cèitean 2026 aig an Grosvenor ann an Lunnainn, a’ tighinn còmhla ri stiùirichidhean gnìomhachas airson ùr-ghnàthachas, buaidh agus sàr-mhathas anns an roinn a chomharrachadh.
Creideas dealbh: SandiePhotos
Click to read this article in English.
