An Lanntair a’ dèanamh a’ chiad sgrùdadh Gas Taigh-Ghlainne neo-eisimeileach aca

Tha An Lanntair air a’ chiad sgrùdadh gas taigh-ghlainne neo-eisimeileach aca a chrìochnachadh, leis an sgrùdadh air a dhèanamh le Comhairleachadh Mùirneag bho Steòrnabhagh agus le taic bho Ionad Clìomaid nan Eilean. Tha an sgrùdadh a’ toirt measadh ioma-chùimseach air eimiseanan don t-ionad ealain airson a’ chiad uair, agus a’ comharrachadh gnìomhan practaigeach airson buaidh àrainneachd a lùghdachadh.

Lorg an sgrùdadh gu bheil na panailean-grèine a chaidh a stèidheachadh air mullach An Lanntair ann an 2023 ag obair gu math, agus a’ toirt buaidh mhothachail air lorg-carboin an togalach. Chaidh na panailean a mhaoineachadh tro thagradh-coimhearsnachd a thog £33,000, a’ gabhail a-steach £8,000 bhon tuathanas-gaoithe coimhearsnachd Urras an Rubha agus Shanndabhaig.

Thuirt Ceannard An Lanntair, Sean Paul O’Hare: “Tha an sgrùdadh gas taigh-ghlainne na cheum cudromach a thaobh tuigse fhaighinn air a’ bhuaidh àrainneachd againn. Tha soirbheachadh ar panailean-grèine a’ sealltainn gun urrainn dhuinn eadar-dhealachadh mòr a dhèanamh le bhith ag ionmhasadh ann an lùth so-sheasmhach, fhad’s a tha sinn a’ cumail oirnn ag obair air na geallaidhean uaine againn fhèin agus geallaidhean ar maoineacharan mar Alba Cruthachail – leis an amas deireannach de bhith a’ dèanamh an togalach againn agus a h-uile pròiseact againn saor bho charboin.”

Tha an sgrùdadh a’ dèanamh sreath de mholaidhean, a’ toirt mapa-slighe shoilleir don Lanntair airson a bhith ag obair a thaobh lùghachaidhean a bharrachd ann an eimiseanan gas taigh-ghlainne. Chaidh an sgrùdadh a stiùireadh le Comhairleachadh Mùirneag, a tha sàr-eòlach air cunntasachd gas taigh-ghlainne agus planadh seasmhachd. Tha an sgrùdadh aca a’ toirt bun-bheachd don Lanntair airson adhartas a’ phlana a chlàradh, agus airson co-dhùnaidhean a dhèanamh mu ionmhasadh so-seasmhachd a tha stèidhte air fianais. Thuirt Stewart Wilson, Stiùiriche Comhairleachadh Mùirneag: “’S e togalach thoinnte le iomadh chleachdadh a th’ann an Ionad Ealain An Lanntair, agus tha e a’ tlachdadh luchd-taisbeanaidh, luchd-ealain agus luchd-tadhail bho gach ceàrnaidh den t-saoghail. Mar sin, b’e eacarsaich inntinneach a bh’ann a bhith ag aithneachadh gach pàirt den lorg-carboin aca agus ciamar a b’urrainn dhuinn an cuideachadh le dòighean-lùghdachaidh agus sàbhalaidhean-lùth aithneachadh.”

Tha an sgrùdadh a’ co-thìmeachadh le Co-labhairt Clìomaid na h-Eileanan an Iar, a thèid a chumail aig An Lanntair an ath sheachdain. Air a ruith le Clìomaid nan Eilean, tha an co-labhairt ag amas air buidhnean coimhearsnachd, riaghaltasan ionadail agus gnìomhachas a thoirt còmhla airson freagairtean practaigeach do dh’atharrachadh-clìomaid a dheasbad. Tha sgrùdadh An Lanntair na eisimpleir air mar as urrainn do bhuidhnean agus gnìomhachasan ionadail ann an Steòrnabhagh agus na h-Eileanan an Iar a bhith a’ dèanamh measadh air a’ bhuaidh-carboin aca agus a’ dèanamh rudeigin mu dheidhinn.

Chuir Urras an Rubha agus Shanndabhaig fàilte air an sgrùdadh, a’ toirt fa-near gu bheil deànadas nam panail-grèine a’ sealltainn cho luachmhor ’s a tha e a bhith ag ionmhasadh airgead-buannachd coimhearsnachd ann am pròiseactan a tha a’ lìbhrigeadh buannachdan fad-ùine àrainneach agus eaconomaigeach airson na h-eileanan. Thuirt am Manaidsear, Dòmhnall Iain MacSuain: “Tha sinn gu math toilichte faicinn gu bheil na panailean-grèine aig An Lanntair a’ dèanamh eadar-dhealachadh brìoghmhor don lùghdachadh lorg-carboin aca. Tha e cuideachd brosnachail a bhith a’ faicinn barrachd ghnìomhachasan air feadh na h-eileanan a’ dol an sàs le Clìomaid nan Eilean agus Comhairleachadh Mùirneag airson a bhith a’ coimhead ris a’ bhuaidh-carboin aca fhèin.”

Click to read in English.