
Chuir Urras an Rubha agus Shanndabhaig fàilte air Comann Radio City bho Cille Bhreannain gu Leòdhas an seachdain a chaidh, mar phàirt de iomairt-ionnsachaidh eadar an dà bhuidheann coimhearsnachd. Chaidh an turas a mhaoineachadh leis an t-Iomairt Ionnsachaidh Coimhearsnachd agus Lùth Coimhearsnachd na h-Alba, agus chaidh a dhealbhadh airson roinn-eòlas a bhrosnachadh eadar an dà bhuidheann, a tha a’ cleachdadh lùth ath-ùrachail coimhearsnachd airson atharrachadh a dhèanamh gu h-ionadail.
Thuirt Manaidsear URS, DI MacSuain, mun turas: “Tha e air a bhith mìorbhaileadh dhuinn a bhith ag òstadh Allan agus Scott bho Radio City, agus bha sinn toilichte a bhith a’ sealltainn dhaibh an seòrsa obair a tha sinn a’ dèanamh le na prothaidean bhon tuathanas-gaoithe againn an seo anns na h-Eileanan an Iar, a tha 100% fo shealbhachd coimhearsnachd. Bha cothrom againn an toirt do iomadh diofar phròiseact agus leasachadh a tha a’ faighinn taic bho URS, mar eisimpleir Cluba Ball-Coise an Rubha aig Pàirc an Rubha, Muileann Gharrabost, Cidhe Phabail, agus Slighe an Rubha agus Shanndabhaig. Tha sinn a-nis gu bhith anns an 10mh bliadhna den bhuidheann againn, agus tha sinn air clàr làidir de thaic coimhearsnachd a chuir ri chèile anns an ùine sin, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri toraidhean ar comhairleachadh coimhearsnachd as ùra a roinn anns na miosan ri teachd.”
Thuirt Scott Wilson mun turas a Leòdhas: “Tha e air a bhith fìor bhrosnachail a bhith a’ tadhal air Urras an Rubha agus Shanndabhaig anns na làithean mu dheireadh. Tha sinn air ar brosnachadh le cho dìleas ’s a tha iad don choimhearsnachd, na rudan a tha an t-Urras air a dhèanamh agus an t-obair leantainneach airson an sgìre ionadail a leasachadh, fhad’s a tha sinn fhèin a’ dol air adhart gu caibideil ùr anns an sgeulachd againn fhèin mar ghineadair lùth coimhearsnachd. Tha Urras an Rubha agus Shanndabhaig air sealltainn dhuinn na ’s urrainn a dhèanamh le buidheann de dhaoine dìleas a tha ag obair cruaidh. Cha ghabh luach a chuir air na h-oidhirpean aca anns a’ choimhearsnachd ionadail, agus tha an obair a’ togail àm ri teachd nas soirbheachail, nas seasmhach agus nas leantainneach don sgìre.”
Tha an turas a’ tighinn aig an aon àm ri iarrtasan air Riaghaltas na h-Alba agus an Rìoghachd Aonaichte a bhith a’ sealltainn gu dlùth ri pròiseactan lùth ath-ùrachail fo shealbhachd coimhearsnachd. Lorg sgrùdadh neo-eisimeileach leis a’ chompanaidh comhairleach à Arcaibh, Aquaterra, gu bheil tuathanasan-gaoithe coimhearsnachd ann an Alba a’ toirt, gu cuibheasach, 34 uiread a bharrachd de phàigheadh-buannachd do choimhearsnachdan ionadail na tuathanasan-gaoithe prìobhaideach, a’ sealltainn gu bheil tuathanasan gaoithe coimhearsnachd fada nas buannachdail do na coimhearsnachdan aca.
Creideas dealbhan SandiePhotos.
San dealbh: Tormod MacCoinnich (URS), DI MacSuain (URS), Scott Wilson (Radio City), Allan Wilson (Radio City), agus Alasdair MacNeacail (URS).
