A’ sabaid bochdainn-connadh agus a’ roinn cleachdaidhean as fheàrr

Tha an t-Aonad Taic Lùth (ATL) aig Urras an Rubha agus Shanndabhaig na phàirt de stòr-dàta nàiseanta air a chuir ri chèile airson bochdainn-connadh a shabaid, a’ roinn ciamar a tha an t-obair aca a’ dèanamh eadar-dhealachadh airson teaghlaich anns na h-Eileanan an Iar. Tha an t-Aonad Rannsachaidh Bochdainn agus Neo-ionnanachd Albannach (Scottish Poverty and Inequality Research Unit sa Bheurla, neo SPIRU) na bhuidheann rannsachaidh eadar-dhreuchdail stèidhichte aig Oilthigh Cailleannach Ghlaschu. Tha iad ag obair airson rannsachadh agus leasachadh freagairtean èifeachdach ri bochdainn agus neo-ionnanachd. Le taic bho pròiseactan coimhearsnachd air feadh na dùthcha, tha am buidheann a’ leasachadh stòras air-loidhne an-asgaidh ri chleachdadh airson mothachadh a thogail agus roinn dòighean-cleachdaidh a thaobh iomairtean ionadail a tha a’ sabaid bochdainn gu h-ionadail.

Am measg na pròiseactan sin tha an t-Aonad Taic Lùth ann an sgìre an Rubha agus Shanndabhaig, a tha airson taic a thoirt dhaibhsan a tha fo èiginn le cosgaisean-connadh ag èirigh anns na bliadhnaichean mu dheireadh. Air a ruith le Comhairleachadh Muirneag agus air a mhaoineachadh leis an tuathanas-gaoithe coimhearsnachd Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS), tha an sgeama a’ gabhail a-steach taic airgid air a phàigheadh do chunntaisean-connadh tro Ionmhas Èiginn Connaidh URS, ag innse do theaglaichean mu dheidhinn taic a tha ri fhaighinn agus gan cuideachadh le siostaman-pàighidh connadh. Tha an sgeama air cuideachadh a thoirt do luchd-peinnsein, inbhich singilte, agus teaghlaichean measadh a dhèanamh air a’ bhuaidh a tha aig èirigh cosgaisean-connaidh air na bilichean aca. Bho thòisich an sgeama anns an Dùbhlachd 2022, tha e air tabhartasan-connaidh de £210,000 a thoirt do theaghlaichean roghnach.

Thuirt Stewart Wilson bho Comhairleachah Muirneag: “Tro lìon-obrachadh ionadail leis an t-Seirbheis Slàinte Nàiseanta agus am Buidheann Gnìomh Bochdainn an seo ann an Leòdhas, thàinig pròiseact SPIRU gu ar n-aire agus smaoinich sinn gu robh an t-ATL a’ freagairt na h-amasan aca gu dlùth. Chaidh an stòr-dàta poballach aca a dhealbhadh airson cuideachadh a thoirt do luchd-poileasaidh, cleachdadairean-seirbheis agus gnìomhadairean airson a bhith a’ lorg sgeamaichean coimhearsnachd a tha ag obair airson bochdainn a lùghdachadh gu h-ionadail, rudeigin a tha sinn gu math deònach ri bhith a’ toirt taic. ’S e prìomh adhbhar an t-ATL a chuir air dòigh a bhith a’ sabaid an t-ìre àrd de bhochdainn-connadh anns na h-Eileanan an Iar, le fòcas air na bailtean ann an sgìre an Rubha agus Shanndabhaig. Le bhith a’ roinn ar n-obair le stòr-dàta SPIRU, tha cothrom againn na cleachdaidhean as fheàrr againn a roinn agus dèanamh soilleir na tha ag obair anns an sgeama againn.”

Mhìnich an t-Ollamh John McKendrick, Co-Stiùiriche SPIRU: “Tha an stòr-dàta a’ dèanamh cinnteach nach eil na leasanan a tha air an ionnsachadh ann an iomairtean bochdainn ionadail air an call, ach gu bheil iad ri fhaighinn airson pròiseactan ionadail ùra fhiosrachadh. Tha fios againn nach urrrainn cuir às de bhochdainn le iomairtean ionadail a-mhàin. Tha fios againn cuideachd nach obraich rudan a tha ag obair ann an aon choimhearsnachd anns a h-uile coimhearsnachd eile. Tha sinn fhathast den bheachd gu faod buaidh mòr a bhith aig iomairtean ionadail, ge-tà. Tha an Stòr-dàta seo a’ roinn eòlas agus comhairle bhuapasan a tha air a bhith a’ sabaid bochdainn gu h-ionadail. Tha brosnachadh ri fhaighinn, gnìomhan èifeachdach ri ionnsachadh, agus leasanan airson daoine eile ri fhaighinn bhon an t-obair a tha a’ gabhail àite anns na h-Eileanan an Iar airson bochdainn-connadh a shabaid.”

Anns a’ Ghiblean 2023, thuairmsich Gnìomh Lùth Alba gun robh cha mhòr 4 a-mach à 10 teaghlaich ann an Alba a’ fulang bochdainn-connadh. Tha an t-àireamh seo nas àirde anns na h-Eileanan an Iar, far a bheil bochdainn-connadh na thrioblaid toinnte le iomadh adhbhar; taighean a tha neo-èifeachdach a thaobh lùth anns a’ mhòr-chuid, tuarastalan nach eil cho àrd ri sgìrean eile, agus an t-èiginn cosgais-beatha agus prìsean-connadh.

Click to read this article in English.

SandiePhotos