A’ cuimhneachadh làithean samhraidh air a’ mhòintich

Tha bliadhnaichean de rannsachadh mionaideach air eachdraidh àirighean ionadail agus na cuimhneachain a tha aig daoine mun deidhinn ann an Eilean Leòdhais air tighinn gu buil. Dh’fhosgail Comann Eachdraidh an Rubha an taisbeanadh Air a’ Mhòintich aig Àros an Rubha anns a’ Chnoc air Diardaoin 20mh Òg-Mhios leis an rannsaichear Anndra Dunn agus luchd-taic bhon choimhearsnachd ionadail.

Chaidh am pròiseact a choimiseanadh leis a’ charthannas tuathanas-gaoithe coimhearsnachd Urras an Rubha agus Shanndabhaig, agus tha e a’ tabhairt sealladh farsainge air an t-seann chleachdadh de bhith a’ dol “a-muigh air an àirigh”, a b’àbhaist a bhith na dhòigh-beatha do choimhearsnachdan air feadh na h-Eòrpa. Bhiodh imrich-samhraidh de theaghlaichean gu lèir a’ toirt daoine sean is òg gu àitichean-ionaltraidh le crodh agus beathaichean eile, agus a’ fuireach airson miosan air a’ mhòintich ann an àirighean. Tha an taisbeanadh a’ cruinneachadh cuimhneachain agus fiosrachadh mu dheidhinn na làithean seo, an dà chuid ann an Gàidhlig agus Beurla.

Tha am pròiseact a’ gabhail a-steach agallamhan agus dealbhan bho iomadh duine aig a bheil cuimhne air làithean an òige aig an àirigh agus an ùpraid mòr a bha an cois an t-imrich bho na bailtean chun a’ mhòintich. Bha fearann-ionaltradh an Rubha mu 15 mìle air falbh bhon Rubha fhèin, air an ‘Stornoway General’ air rathad a’ Phentland agus rathad Beinn a’ Bhuna, turas fada nuair a bhathar a’ gluasad teaghlaich is àirneis is biadh le cairt agus each/ Tha am pròiseact a’ gabhail a-steach mapa-làraich de na h-àirighean a bha air ionaltradh-samhraidh an Rubha agus dè na teaghlaich a bha gan cleachdadh.

Thuirt an rannsaichear Anndra Dunn: “Tha an imrich samhraidh na phàirt gu math cudromach de eachdraidh na coimhearsnachd, dòigh-beatha a tha air a dhol à bith ach a tha fhathast beò ann an cuimhne dhaoine. Air sgàth gun do mhair an seann chleachdadh seo nas fhaide anns a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan na ann an àiteachan eile, tha sinn fortanach na cuimhneachain sin a bhith againn ri làimh ann an dòigh a tha cudromach a chruinneachadh agus a ghlèidheadh.

“Tha mi gu math taingeil do Chomann Eachdraidh an Rubha airson an taic aca le maoineachadh, rannsachadh agus an taisbeanadh a chuir air dòigh, agus gu h-àraidh do Urras an Rubha agus Shanndabhaig, a choimisean e anns a’ chiad àite agus a thug taic-airgid deatamach airson uidheamachd a cheannachd agus maoineachadh a thoirt airson rannsachadh agus an taisbeanadh fhèin. Tha mi cuideachd gu math toilichte gu bheil an taisbeanadh gu tur dà-chànanach. Bha e a’ faireachdainn gu math cudromach gum biodh na seann dòighean air an glacadh anns a’ Ghàidhlig, oir b’e sin prìomh chànan muinntir an sgìre.”

Chaidh tòrr fiosrachadh a chruinneachadh tro agallamhan le daoine ionadail agus turais gu làraich nan àirigh, agus cuideachd tabhartasan de dhealbhan-teaghlaich agus cunntasan sgrìobhte. A thuilleadh air dealbhan-teaghlaich, chaidh cead a thoirt airson dealbhan a chleachdadh a thog Màiri Màrtainn, neach-dealbh proifeiseanta. Thug Seòras MacDhòmhnaill cead airson dealbhan athar, Aonghas MacDhòmhnaill nach maireann, a chleachdadh, agus thug Catriona MacGeoch cead airson dealbhan a h-athair fhèin, James MacGeoch nach maireann, a chleachdadh. Tha an taisbeanadh a-nis fosgailte don mhòr-shluagh, agus tha e a’ cur air dòigh sgeulachdan agus cuimhneachain dhaoine, air an cur ann an co-theacsa agus air a cheangal gu dealbhan nuair a tha sin comasach. Tha e na theisteanas do dhìcheall nan rannsaichearan agus deònachd a’ choimhearsnachd airson taic a thoirt don phròiseact gu bheil a-nis barrachd stuth na ’s urrainn a bhith a chleachdadh anns an taisbeanadh. Tha Comann Eachdraidh an Rubha an dòchas gum bi seo na phàirt de leabhar air a’ chuspair a dh’aithghearr.

Air a choimiseanadh ann an 2020, dh’obraich an Comann Eachdraidh gu dlùth leis an rannsaichear airson am pròiseact a thoirt gu buil. Thuirt Catriona Dunn, Cathraiche Chomann Eachdraidh an Rubha: “B’e ar prìomh amas a bhith a’ glacadh dealbh de bheatha ginealach a dh’fhalbh, agus tha sinn air sin a dhèanamh. Tha sinn air cuimhneachain a chlàradh fhad ’s a tha daoine le eòlas dheth fhathast mun cuairt. Bha tòrr obair chruaidh an cois an taisbeanadh, agus tha e math dha rìribh a bhith a’ faicinn cho toilichte leis an taisbeanadh ’s a tha na daoine a dh’innis na sgeulachdan aca dhuinn.”

 

Thuirt Calum MacDhòmhnaill bho Urras an Rubha agus Steòrnabhagh: “B’àbhaist ‘transhumance’, an gluasad de bhailtean slàn a-mach gu ionaltradh samhraidh leis na beathaichean aca, a bhith cumanta air feadh Eòrpa ach b’e Leòdhas aon de na h-aon àiteachan – ‘s dòcha an àite mu dheireadh – far an do mhair an traidisean don 20mh linn, cho anmoch ris na 1970an.

Airson iomadh Rubhach, bha e na phrìomh chuimhneachan bho làithean an òige, agus tha e cinnteach gun toir an taisbeanadh iongantach seo iomadh cuimhneachan soilleir air ais thuca mu chàirdeas air a’ mhòintich. Tha an Comann Eachdraidh air cruinneachadh mìorbhaileach de dhealbhan, sgeulachdan agus mapaichean a chuir air dòigh, agus tha mi an dòchas gu faigh luchd-tadhal don taisbeanadh spionnadh airson dealbhan eile agus an leithid a lorg anns na taighean aca a dh’fhaodas a chleachdadh ann an taisbeanaidhean ri teachd.”

Tha an taisbeanadh fosgailte don mhòr-sluagh aig Àros an Rubha, An Cnoc gu samhradh 2025.

Click to read in English.

Bottom picture: SandiePhotos