A’ comharrachadh a’ chiad Maighstir-Rannsachaidh a’ ceumnachadh bho UHI Eilean Siar le urrasachd bho URS

’S e Giuseppe Petricca a’ chiad oileanach a tha air ceum Maighstir Rannsachaidh fhaighinn bho UHI Eilean Siar, le urrasachd bho buidheann carthannach tuathanas-gaoithe ionadail Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS). An deidh ceumnachadh le ceum ann an Innleadaireachd Meacanaigeach agus Lùth bho Colaiste a’ Chaisteil ann an 2018, chòrd an tràchdas aig Giuseppe ris an luchd-teagasg agus chaidh am pròiseact-rannsachaidh a chuir air beulaibh Bòrd URS.

Le bhith ag amas air dòighean a dh’fhaodas griodaichean ‘smart’ a chleachdadh, agus leasachadh a dh’fhaodadh a bhith air a dhèanamh ann am mion-mhanaidseadh gintinn-lùth ath-ùrachail ann an sgìre an Rubha, bha mòran ùidh anns a’ chuspair. Bha an rannsachadh mionaideach a’ sealltainn ri cleachdadh practaigeach airson dòighean gineadadh lùth ath-ùrachail measgaichte, agus air mar a dh’fhaodadh co-aonachadh lùth grèine, gaoithe, agus stòradh-bataraidh cuideachadh a’ sabaid bochdainn-connadh agus caitheamh connadh-fosail anns na h-Eileanan an Iar.

Le uiread bochdainn-connadh ’s a tha air feadh na h-Eileanan an Iar, agus a’ leantainn bonn-amasan Urras an Rubha agus Shanndabhaig airson taic a thoirt do fhallaineachd coimhearsnachd agus amas làidir air an àrainneachd, fhuair am pròiseact-rannsachaidh aontachadh bho Bòrd URS ann an 2020. Le taic bho Dr Chris MacLeòid, Dr Alasdair MacLeòid, Anndra MacCoinnich aig UHI Eilean Siar agus Iain King aig UHI Colaiste Inbhir Nis, agus a dh’aindeoin duilgheadasan rannsachaidh tron ghalair-cruinne Covid, tha Giuseppe air pìos rannsachaidh brìgheil a lìbhrigeadh.

Thuirt Anndra MacCoinnich bho UHI Eilean Siar, “Bha daingneachd agus dìorrasachd Giuseppe deatamach airson cho soirbheachail ’sa bha e, agus rinn na luchd-teagasg sgrùdadh air an obair aige air-loidhne tro cuingealachadh COVID-19. Tha grunnan co-dhùnaidhean aig a’ phàipear rannsachaidh deireannach, mar eisimpleir gu bheil “ionsulaideadh dhachaighean ceart, cuir air dòigh sreathan-solaraidh connadh airson siostaman Lìon-obrach Teasachadh Sgìreil agus Teas is Cumhachd le chèile, agus foghlam airson luchd-fuirich air buannachdan eaconomaiceach bho teicneòlas ‘Hybrid Renewable Energy Systems’ (HRES) nan cùisean deatamach.”

Thuirt Dr Chris MacLeòid bho Ionad Ùr-ghnàthachas UHI Eilean Siar: “As dèidh an taic a thug Urras an Rubha agus Shanndabhaig airson fosgladh an t-Ionad Ùr-ghnàthachas an seo aig an Oilthigh, bha mi fhèin agus mo cho-obraichean deònach barrachd dhòighean a lorg anns am b’urrainn dhuinn obair còmhla ris an Urras. Bha beachdan agus pròiseact-rannsachaidh Giuseppe a’ freagairt dìreach air an amas sin, agus tha mi mòr-thoilichte a bhith ga fhaicinn a’ crìochnachadh an cùrsa-foghlaim aige an-diugh. Tha an t-Ionad Ùr-ghnàthachas air fàs bho na h-amasan tùsail aige agus a-nis tha e na ionad uile-amasach airson àrd-teicneòlas agus gnìomhachas a tha a’ toirt taic don a h-uile seòrsa rud anns an sgìre, a’ gabhail a-steach rannsachadh agus obair-pròiseact. Tha ceum Maighstireachd Giuseppe na sheud eile nar crùn.”

Thuirt Giuseppe, “Faodaidh mi a ràdh gun teagamh sam bith gum biodh mo bhliadhnaichean aig UHI agus an seo air an eilean, as dèidh dhomh gluasad bhon Eadailt ann an 2016, air a bhith gu tur eadar-dhealaichte as aonais an taic bho URS agus UHI fhèin. Le taic an dà bhuidheann sin, bha mi comasachadh rannsachadh a dhèanamh air cuspair aig a bheil cudrom chan e a-mhàin an seo anns na h-Eileanan an Iar ach airson an t-saoghal anns an fharsainneachd anns na làithean duilich seo.

“Cho-dhùn an tràchdas agam gun urrainn eadar-dhealachadh mòr a dhèanamh ann a bhith a’ cothromachadh na thathar a’ cruthachadh le na dh’fheumas sinn ma tha an teicneòlas ath-ùrachail seo air a cheangal ri poileasaidh ionsulaideachd agus suirbhidh-dhachaighean mhath, a’ toirt dhuinn ionnsramaid mhìorbhaileach airson bochdainn-connadh agus eisimeileachd connadh-fosail a shabaid. Tha ionsulaideadh ceart deatamach airson leigeil leinn ar taighean a chumail blàth nas fhurasta le dealan seasmhach bho tùsan-lùth ath-ùrachail.” Tha Giuseppe an dòchas gum bi an rannsachadh seo na bhun-stèidh airson barrachd obair anns an àm ri teachd, agus tha e a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair airson PhD agus dreuchd ann an roinn lùth ath-ùrachail. Thuirt e mu dheireadh: “Tha an t-obair a tha URS a’ dèanamh don choimhearsnachd agus buidhnean anns na h-Eileanan an Iar math dha rìribh, agus tha e iongantach gu bheil a h-uile càil ceangailte ri leasachadh an tuathanas-gaoithe coimhearsnachd as motha anns an Rìoghachd Aonaichte. Tha e na dhearbadh nach eil buannachdan lùth ath-ùrachail dìreach a’ buntainn ri tèarainteas-lùth a-mhàin, ach a’ gabhail a-steach tòrr a bharrachd.”

Dealbh buidheann: Dr Chris Macleod, Outer Hebrides UHI, Giuseppe Petricca, Andrew Mackenzie, Outer Hebrides UHI & PST outside the Innovation Centre, Outer Hebrides UHI.

Dealbhan le SandiePhotos.

Click to read this article in English.