A’ dèiligeadh ri bochdainn-connaidh anns na h-Eileanan an Iar

Chuir an tuathanas-gaoithe coimhearsnachd eileanach, Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS), fàilte air Sarah Boyack, Ministear Albannach Dùbhlain airson Àrainneachd, do na h-oifisean aca air Diluain 13mh Màrt, a’ toirt dhi sealladh air obair an t-Urras agus gu h-àraidh an t-Aonad Taic Lùth, a tha a’ sireadh bochdainn-connadh a shabaid anns an sgìre. Fhad’s a bha i a’ tadhal, bha am BPA airson Lodainn ag innse mu dheidhinn am moladh aice airson Bile Fallaineachd agus Leasachadh Seasmhach, agus chuala i barrachd mu dheidhinn mar a tha an tuathanas-gaoithe coimhearsnachd air a ruith le URS agus na buannachdan mòra a tha ann an taca ri sgeama air a ruith le companaidh. Tha am buidheann carthannach tuathanas-gaoithe air còrr air £2,302,300 a thabhairt bho thòisich na muilnean a’ tionndadh, a’ gabhail a-steach maoineachadh airson an t-Aonad Taic Lùth ùr a tha air a ruith bho oifisean URS anns a’ Chnoc air Eilean Leòdhais.

Chaidh an t-Aonad Taic Lùth a chuir air dòigh anns an Fhaoilleach 2023 agus thathair air 100 tar-chuir ionadail a ghabhail gu ruige seo, le 80% dhiubh ann an roinn sàr-bhochdainn connaidh. A rèir Riaghaltas na h-Alba, tha ‘sàr-bhochdainn connaidh’ a’ gabhail a-steach teaghlaich a tha a’ caitheamh còrr air 20% den chosnadh aca às dèidh cosgaisean-taighe airson pàigheadh airson connadh. Tha stèidheachadh an t-Aonad Taic Lùth ann an sgìre an Rubha agus Shanndabhaig a’ sealltainn cho farsaing ’s a tha bochdainn-connaidh anns na h-Eileanan an Iar agus gu nàiseanta air feadh Alba. Tha meud a’ chùis cuideachd a’ sealltainn na dùbhlanan innleachdail a tha air thoiseach air an riaghaltas le bhith a’ ruighinn amasan Achd Bochdainn-Connaidh (2019), a tha airson dèanamh cinnteach “cho fad ’s a ghabhas a dhèanamh gu practaigeadh, nach bi taigh sam bith ann an Alba ann am bochdainn-connaidh agus, ge bith dè thachras, nach bi còrr air 5% de thaighean a’ strì ri bochdainn-connaidh agus nach bi còrr air 1% ann an sàr-bhochdainn connaidh” ro 2040.

Tha obair an t-Aonad Taic Lùth fo-rùnach air a mhanaidseadh le Comhairleach Mùirneag Earr. Agus thuirt an stiùiriche aca, Stewart Wilson: “Tha bochdainn-connaidh anns na h-eileanan na thrioblaid thoinnte le iomadh adhbhar; uidheamachd a tha fhathast neo-èifeachdach a thaobh lùth anns a’ mhòr-chuid, tuarastalan iosal anns a’ chumanta, agus gun teagamh o chionn ghoirid an t-èiginn cosgais-beatha agus prìsean connaidh a’ dol suas. Chuir sinn fàilte air cothrom na trioblaidean sònraichte againn gu h-ionadail a thogail leis a’ Mhinistear Albannach Dùbhlain airson Àrainneachd, mar an duilgheadas a tha againn a bhith a’ faighinn airgead-tabhartas a-steach a mheatairean ro-phàighte ann an dòigh a tha practaigeach airson daoine a dhèanamh agus cuideachd a bhith a’ seachnadh na modhan-obrachaidh slaodach agus mòr-fhillte a tha an cois meatairean nach eil ‘smart’ agus poileasaidhean lùth a tha ann an-dràsta. Dh’innse sinn cuideachd ar beachd gum bu chòir Innleachd Bochdainn-Connaidh Riaghaltas na h-Alba a bhith a’ gabhail a-steach maoineachadh do lìonan-taice ionadail agus a bhith a’ dèanamh an t-aon seòrsa obair taic coimhearsnachd ’sa tha sinne a’ dèanamh leis an Aonad Taic Lùth ann an sgìre an Rubha agus Shanndabhaig.”

Tha an t-Aonad Taic Lùth a’ ruith Ionmhas Èiginn Connaidh airson taic a thoirt do dhaoine a tha ann am bochdainn-connaidh, agus a tha air tabhartasan a thoirt do cha mhòr 75% de na taighean air an do thadhail iad. Tha am prògram tabhartas fo-rùnach a tha air a mhaoineachadh le URS air tabhartas meadhanach de chòrr air £1,000 do gach teaghlach roghnach.

Thuirt Cathraiche URS, Tormod MacCoinnich: “Bha turas-tadhail Sarah Boyack na chothrom mìorbhaileach dhuinn a’ bhith a’ sealltainn beagan den obair a tha Stewart agus Iain a’ dèanamh anns an Aonad Taic Lùth, a thuilleadh air cothrom sealltainn na buannachdan bhon tuathanas-gaoithe coimhearsnachd againn. Tha sinn an còmhnaidh toilichte a bhith a’ bruidhinn mu bhuannachdan lùth ath-ùrachail coimhearsnachd le luchd-tadhail, agus a bhith a’ sealltainn dìreach ciamar a tha iad ag obair cho math am measg sluagh iomallach, dùthchail mar a tha againn an seo.”

Click to read in English.