
The Urras an Rubha agus Shanndabhaig air tabhartas £500 a thoirt do Bhuidheann Pàrant is Leanabh an Rubha airson a’ phàrtaidh Nollaig aca, a’ gabhail àite air 16mh Dùbhlachd. Cuidichidh an t-airgead le cosgaisean a bhith a’ ceannachd preusantan Nollaig don chlann agus a’ toirt biadh pàrtaidh dhan a h-uile duine a thig ann. Thuirt an neach-eagrachaidh Catriona Dunn: “Tha na pàrantan gu math taingeil airson an tabhartas seo, gu h-àraidh air sgàth nach b’urrainn dhaibh airgead a thogail leis na bacaidhean Covid. Tha an t-uabhas spòrs anns a’ Bhuidheann, le pàrantan an sàs anns an talla a chuir air dòigh agus boireannaich bhon cho-thional a’ dèanamh biadh air an son. Tha mi air a bhith an sàs airson iomadh bliadhna agus tha e na àite mìorbhaileach airson pàrantan ionadail a bhith a’ coinneachadh, àite far a bheil càirdeas air a bhrosnachadh an dà chuid am measg phàrantan agus am measg chlann.”
Tha Buidheann Pàrant is Leanabh an Rubha a’ coinneachadh a h-uile feasgar Dihaoine tron teirm-sgoile ann an Talla Eaglais Shaor a’ Chnuic ann an Garrabost. Le 38 clann air an clàradh ann gu ruige seo, tha e na phàirt chudromach de bheatha na coimhearsnachd. Thathar a’ cleachdadh goireasan na h-eaglais an asgaidh, agus tha a h-uile teaghlach a’ faighinn fàilte a thighinn a chluich leis na dèideagan agus srùpag a ghabhail am measg dhaoine càirdeil, fiù’s mura h-eil ceangal aca ris an eaglais.
Thuirt Cathraiche URAS, Tormod MacCoinnich: “Tha URAS gu math toilichte taic a thoirt do Bhuidheann Pàrant is Leanabh an Rubha, a tha na cheangal deatamach don choimhearsnachd anns na làithean duilich a tha seo. Tha sinn cho toilichte sa ghabhas taic a thoirt a thaobh àite blàth airson an fheasgar a chuir seachad, a’ coinneachadh agus a’ cruthachadh caraidean airson pàrantan agus na buill as òige den choimhearsnachd. Tha sinn an dòchas gum bi pàrtaidh Nollaig mìorbhaileach aig a’ bhuidheann air an 16mh, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ cluinntinn mu dheidhinn.”
Tha Buidheann Pàrant is Leanabh an Rubha cuideachd a’ planadh Faidhir Nollaig ann an Ionad Stoodie air Disathairne 3mh Dùbhlachd bho 1-4f, le iomadach stannd agus geamannan airson clann.
