
Tha Slighe an Rubha agus Shanndabhaig aon cheum nas fhaisg air an amas de shlighe leantainneach 40km, le tabhartas £100,000 bho Paths for All a thaobh obair airson na slighean anns an Àird agus Seisiadar a leasachadh. Tha an tabhartas a’ tighinn bhon t-Ionmhas Slighe Iain Findlay, le taic bho Còmhdhail Alba, agus tha tabhartas eile de £42,932 a’ tighinn bhon charthannas tuathanas-gaoithe ionadail Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS) airson a’ phròiseact a thòiseachadh anns a’ Chèitean am bliadhna.
Tha am pròiseact airson seann slighe-baile agus còir-imeachd ath-ùrachadh agus a leasachadh, bho Seisiadar gu seann làrach Sgoil na h-Àirde, far a bheil Ionad Coimhearsnachd an t-Siumpain a-nis. Tha an t-ionad cudromach airson tachartasan coimhearsnachd anns an sgìre, mar eisimpleir am fèis tuathanasachd ionadail a tha a’ faicinn còrr air 2,000 luchd-tadhal gach bliadhna. Bha an slighe (ann an cruth ‘Y’) air a choiseachd le ginealachan de chlann-sgoile, a thuilleadh air inntrigeadh a thoirt don fhearann choitcheann, ach tha an slighe air tuiteam às a chèile anns na deicheadan mu dheireadh. Tha an slighe 1700m a’ cur feum air drèanadh agus leasachadh-inntrigidh, a thuilleadh air obair airson planntas a chlìoradh agus puist-stiùiridh a stèidheachadh.
Tha Comhairleachadh Coimhearsnachd URS, Alasdair MacNeacail, air a bhith a’ manaidseadh na h-iarrtasan maoineachaidh leis a’ bhuidheann Slighe-Costa Coimhearsnachd an Rubha agus Shanndabhaig. Thuirt e mun tabhartas: “Tha am pròiseact seo a’ dol a thoirt slighe fèitheach a tha fo fhraoch agus planntas, nach eil tric air a chleachdadh, agus ga thionndadh na shlighe soilleir le puist-stiùiridh, freagarrach airson luchd-coiseachd agus baidhseagalan. Bidh cuimhne aig iomadh duine anns a’ choimhearsnachd a bhith a’ coiseachd an slighe seo don sgoil mar chlann, agus tha na leasachaidhean seo a’ dol a dh’ath-fhosgladh slighe chudromach eadar an t-Àird, an t-Àird Uarach agus Seisiadar. Tha iomadach buannachd slàinte corporra agus inntinneil ann a bhith a’ fosgladh neo ag ath-ùrachadh inntrigeadh do nàdar, an t-àrainneachd agus seann làraich, agus le mu 583 luchd-fuirich anns an sgìre Seisiadar-Rubha an t-Siumpain, tha an tabhartas mòr-fheumte seo bho Ionmhas Slighe Iain Findlay a’ dol a thoirt buaidh mòr air ar coimhearsnachd.”
Bho 2017, chaidh còrr air £1,000,000 a chosg neo a ghealltainn gu ruige seo airson obair-leasachaidh air Slighe an Rubha agus Shanndabhaig, a’ toirt buannachd eaconomaigeach do Eilean Leòdhais tro chùmhnantairean ionadail. Chaidh am pìos as ùra den t-slighe a chrìochnachadh ann an 2022, eadar na bailtean Siulaisiadar agus na Fleiseirin, agus tha dìreach còrr air £450,000 de dh’obair air na slighean air a phlanadh airson 2024. Tha taic ionadail don phìos ùr seo a’ tighinn bho Comhairle Coimhearsnachd an Rubha agus luchd-ùidhe ionaltradh ionadail.
Thuirt Rosie McKee bho Paths for All: “Tha Paths for All gu math toilichte £100,000 a thoirt do Shlighe-Costa Coimhearsnachd an Rubha agus Shanndabhaig bho Ionmhas Slighe Iain Findlay. Tha ath-ùrachadh na seann slighean-baile a’ dol a cheangal coimhearsnachdan ri chèile, agus ga dhèanamh nas fhasa do dhaoine a bhith gan siubhal air cois neo air baidhseagal airson turasan làitheil. Tha sinn airson moladh a thoirt don oidhirp iongantach a rinn Slighe-Costa Coimhearsnachd an Rubha agus Shanndabhaig a thaobh maoineachadh fhaighinn airson na planaichean aca, a bheir beatha ùra do phìos mòr-chòrdte den choimhearsnachd airson ginealachan ri teachd. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ toirt taic dhaibh thairis air na miosan ri teachd agus bidh sinn a’ leantainn an t-adhartas aca le ùidh mòr.”
Thuirt Manaidsear URS Dòmhnall Iain MacSuain: “Tha URS air a bhith a’ toirt taic don t-àrd-amas seo a bhith ag ath-ùrachadh agus a’ glèidheadh seann slighean a tha ann an droch staid thairis air an sgìre againn. Tha an tabhartas bho Paths for All a’ toirt beatha ùr don t-slighe seo a bha cho mòr-chleachdte o chionn fhada eadar an t-Àird, an t-Àird Uarach, agus Seisiadar, agus tha sinn toilichte £42,932 a thoirt a thaobh cosgaisean a’ phròiseact. Chan ann a-mhàin gun toir am pròiseact mòr-bhuannachd eaconomaigeach tro bhith a’ fastadh cùmhnantairean ionadail, ach tha e a’ tabhairt seans airson barrachd coiseachd agus ceangalachd anns a’ choimhearsnachd.”
Click to read this article in English.
SandiePhotos
