
Tha obair-leudachaidh air a chrìochnachadh aig an t-ionad coimhearsnachd Àros an Rubha anns a’ Chnoc, le fosgladh ionad-nighe coimhearsnachd ùr, barrachd àiteachan-paircidh, agus oifis nas motha.
Chaidh còrr air £500,000 ionmhasadh anns a’ phròiseact, air a mhaoineachadh leis a’ charthannas tuathanas-gaoithe coimhearsnachd Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS), agus tha e a’ leantainn comhairleachadh coimhearsnachd a chaidh a dhèanamh ann an 2018. Tha an t-ionad-nighe a’ tabhairt grunnan inneal nigheadaireachd agus tiormadairean marsantach airson cleachdadh poblach, agus a bhios air an obrachadh le luchd-obrach Àros an Rubha. A thuilleadh air a bhith a’ ruith na h-obraichean-manaidsidh den ionad-nighe, tha an t-ionad coimhearsnachd cuideachd a’ dol a chleachdadh na prothaidean airson buannachd an sgìre.
Thòisich O’Mac Construction ag obair air an làrach anns an t-samhradh 2024, agus tha an t-ionad-nighe coimhearsnachd a’ fosgladh gu h-oifigeil air Diciadain 19mh Màrt. Thuirt Manaidsear Àros an Rubha, Baiba Reinfelde mu dheidhinn: “Tha fosgladh an t-ionad-nighe ùr againn na chur-ris iongantach airson Àros an Rubha. Tha e gu mòr a’ leudachadh na seirbhisean a tha sinn a’ tabhairt, a’ toirt goireas gu math feumail do ar coimhearsnachd. Tha sinn an dòchas gum bi e na stòras luachmhor agus mòr-chleachdte don a h-uile duine. Tha sinn gu math taingeil do Urras an Rubha agus Shanndabhaig airson a’ mhaoineachadh fialaidh aca (a-rithist!), a tha air a’ phròiseact seo a thoirt gu bith. Tha an taic aca deatamach airson soirbheachadh leantainneach Àros an Rubha.”
Tha am pròiseact leasachaidh cuideachd a’ cur air dòigh 18 àiteachan paircidh airson an làrach, a tha na dhachaigh airson Bùth an Rubha agus Café Roo, àite taisbeanadh agus taigh-tasgaidh airson Comann Eachdraidh an Rubha, goireasan tasg-lann agus stòras airson a’ phàipear coimhearsnachd An Rudhach, rùm-coinneamh le goireasan cidsin, goireasan ‘hotdesk’ agus oifisean URS.
Thuirt Manaidsear URS, DI MacSuain, mu dheidhinn an t-obair leasachaidh as ùra: “Bheir an t-ionad-nighe coimhearsnachd ùr aig Àros an Rubha eileamaid eile don t-ionad soirbheasach seo airson sgìre an Rubha, agus tha sinn gu math toilichte taic a thoirt dha. Tha an t-ionmhasadh seo a thuilleadh air an tabhartas £500,000 a rinn URS do Urras Stòras an Rubha airson a’ phròiseact ath-ùrachaidh tùsail aig an t-seann sgoil, agus tha soirbheachadh Àros an Rubha dìreach iongantach. Bho taisbeanaidhean eachdraidh ionadail le Comann Eachdraidh an Rubha, gu tachartasan Nollaig mìorbhaileach do chlann an sgìre, am bùth, an cafaidh, agus barrachd, tha e cho tlachdmhor an togalach fhaicinn air a chleachdadh mar seo.”
Tha an leudachadh ùr a’ tighinn trì bliadhna an dèidh crìoch obair ath-ùrachaidh mòr aig làrach seann Sgoil a’ Chnuic. Dh’fhosgail Àros an Rubha ann an 2022 mar cheas-taisbeanaidh airson cleachdadh lùth ath-ùrachail. Tha an togalach ‘fo-ghriod’ anns a’ phrìomh pàirt, agus bhuannaich iad an duais “Pròiseact Coimhearsnachd As Fheàrr” anns na Duaisean Lùth Uaine airson a’ mheasgachadh lùth aca, a’ gabhail a-steach panailean-grèine, pump-teas tùs-adhar agus ionsulaideadh.
Bidh an t-ionad-nighe fosgailte eadar 9m-6f (nighe mu dheireadh 5f), Diluain-Disathairne
Nigheadaireachd: £6 (14 cileagram as motha)
Tiormadair: £1 gach 15 mionaidean (14.5 cileagram as motha)
Pàigheadh cairt a-mhàin agus feumaidh stuth-nighe a thoirt leibh.
