
Tha an t-obair airson Pàirc an Rubha a leasachadh a’ dol a chumail air adhart le naidheachd air tabhartas eile bho Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS) de £20,000 do Chomann Spòrs agus Cur-seachadan an Rubha (CSCR). Tha an ath ìre de leasachadh a’ gabhail a-steach barrachd inntrigidh sàbhailte, dìon aimsir nas fheàrr, agus siostam labhradh-poballach airson fiosrachadh luchd-coimhead agus sàbhailteachd. Thèid an t-obair a dhèanamh thairis air na miosan ri teachd, agus nì e cùisean fada nas cofhurtail airson luchd-coimhead nuair a tha e deiseil. Chuir Comann Spòrs agus Cur-Seachadan an Rubha fàilte air an naidheachd.
Thuirt Rùnaire na Cluba, Iain MacSuain: “Seo an t-ìre as ùra anns a’ phròiseact againn airson goireasan Pàirc an Rubha a leasachadh airson luchd-taic ionadail agus luchd-tadhail. Tha taic leantainneach Urras an Rubha agus Shanndabhaig le maoineachadh airson gach ìre air a bhith deatamach dhuinn. Tha na h-àiteachan-seasamh ùra, an t-inntrigeadh nas fheàrr agus an t-àite-pairceadh nas motha uile a’ ciallachadh gum bi cùisean nas sàbhailte agus nas spòrsail do ar cluicheadairean agus luchd-taice. ’S e oidhirp leantainneach a tha seo, agus bidh sinn a’ coimhead ri barrachd leasachadh a dhèanamh anns an àm ri teachd. Tha ar compàirteachas le URS air Ionad Stoodie agus Pàirc an Rubha a dhèanamh nan goireasan coimhearsnachd luachmhor agus mòr-chleachdte.”
Tha an t-ìre ùr de obair a’ gabhail a-steach slighe ùr agus leasachaidhean do na slighean a th’ann mu thràth, inntrigeadh ùr bhon phàirc-càr nas motha chun ear-thuath den phàirc, cinn-aimsir airson na h-àiteachan-seasamh ùra, dà sheada beag airson airgead-geata a thogail, soidhnichean ùra agus ath-pheantadh am bocsa gorm gus am bi e a’ freagairt dath nan àite-seasamh.
Thuirt Ball-Bòrd URS Dòmhnall MacDhòmhnaill mun tabhartas: “Tha URS toilichte a bhith a’ toirt taic do Chomann Spòrs agus Cur-seachadan an Rubha leis na leasachaidhean ùra aig Pàirc an Rubha. Tha an t-àite-seasamh ùr airson luchd-tadhail agus an t-inntrigeadh nas fheàrr a’ coimhead sgoinneil, agus tha iad nan leasachadh math dha rìribh còmhla ris an t-àite-seasamh dachaigheil agus a’ phàirc-càr nas motha. Tha CSCR air obair mìorbhaileach a dhèanamh le bhith a’ leasachadh na goireasan anns na bliadhnaichean mu dheireadh, agus a’ dèanamh cùisean nas fheàrr airson luchd-coimhead. Tha an t-àireamh mòr de dhaoine òg is aosta a tha tric a’ frithealadh na geamannan nan dearbhadh air sin.”
’S e Aonghas MacAoidh is Mic na prìomh cùmhnantairean airson an leasachadh as ùra, le MacLeòid is Bochanan a’ dèanamh cinn-aimsir nan àite-seasamh, Peantairean is Sgeadaichean Steòrnabhagh a’ dèanamh am peantadh agus Tech Mobile a’ stèidheachadh an siostam labhradh-poballach.
Click to read in English
© SandiePhotos
