
Tha còig àiteachan làn-mhaoinichte a-nis ri fhaighinn air cùrsa-trèanaidh hàidhdreaidean tùsaireach airson sgilean ùra a thoirt do theicneòlaichean anns an roinn lùth a tha a’ fàs a-nis.
Tha na còig àiteachan air an urrasachadh le Urras an Rubha agus Shanndabhaig, buidheann carthannach ann an Eilean Leòdhais a tha a’ ruith an tuathanas-gaoithe coimhearsnachd aig ìre mharsantach as motha anns an Rìoghachd Aonaichte, agus thathar nam pàirt den Duais Leasachaidh Proifeiseanta (DLP) ann an Hàidhdreaidean: Toirt A-Steach do Theicneòlaichean. Tha an cùrsa air a lìbhrigeadh le Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean a Tuath, an Iar is Innse Gall, a tha aithnichte airson adhartas ann an trèanadh hàidhdreaidean, foghlam, rannsachadh agus ro-innleachd.
A bhith so-roghnaidh airson àite urrasaichte air a’ chùrsa, a tha a’ tòiseachadh aig deireadh an Dàmhair, feumaidh tagraichean a bhith a’ fuireach anns na h-Eileanan an Iar.
Tha hàidhdreaidean aithnichte mar thùs chudromach de lùth ath-ùrachail, le comas airson eadar-ghluasad na h-Alba gu Suim-Neoni a luathachadh, agus carboin a lùghdachadh ann an roinnean deatamach mar còmhdhail, teas, agus gnìomhachas.
Chaidh an DLP a dhealbhadh airson daoine a tha ag obair air sgilean a leasachadh airson obair ann an roinn-fàsail lùth ath-ùrachail. Tha e gu sònraichte freagarrach dhaibhsan le teisteanas neo eòlas air innleadaireachd, agus do dhaoine anns a’ choimhearsnachd a tha deònach comas hàidhdreaidean a thuigsinn agus ionnsachadh ciamar a b’urrainn dha a bhith na phàirt de iomairtean-lùth ionadail.
’S e seo an t-aon teisteanas hàidhdreaidean ann an Alba le aithneachadh bho SQA, aig ìre Theisteanas Nàiseanta Àrd-Ìre – ionann ris a’ chiad bliadhna de cheum fo-cheumnach. Tha an cùrsa a’ ruith pàirt-ùine airson sia miosan, an dà chuid air a theagasg air-loidhne agus le seisean practaigeach aon-sheachdaineil anns an ionad hàidhdreaidean aig àrainn Steòrnabhaigh OGE a Tuath, an Iar is Innse Gall.
Tha an t-urrasachadh a’ còmhdachadh cosgaisean a’ chùrsa, a thuilleadh air siubhail agus àite-fuirich airson an t-seisean practaigeach.
Tha Urras an Rubha agus Shanndabhaig air a bhith a’ toirt taic do OGE a Tuath, an Iar is Innse Gall agus an obair a’ trèanadh teicneòlaichean a bhith a’ cruthachadh hàidhdreaidean airson ùine mhòr a-nis. O chionn ghoirid, thug an t-Urras £40,000 dhaibh airson an ionad hàidhdreaidean ath-leasachadh le uidheamachd-gnìomhachais, a’ gabhail a-steach inneal leactroilisis 3kW agus cealla-connaidh.
Thuirt Dr Alasdair MacLeòid, sàr-eòlaiche hàidhdreaidean agus òraidiche aig OGE a Tuath, an Iar is Innse Gall: “Tha hàidhdreaidean na thùs-lùth deatamach airson na bliadhnaichean ri teachd, gu h-àraidh anns na h-Eileanan an Iar, aig a bheil comas a bhith a’ stiùireadh ar-a-mach hàidhdreaidean uaine na h-Alba. Tha Urras an Rubha agus Shanndabhaig nan compàirtichearan luachmhor den cholaiste, agus bheir an urrasachd de chòig àiteachan air ar DLP cothrom do luchd-ionnsachaidh ionadail a bhith a’ faighinn fiosrachadh sònraichte agus eòlas practaigeach – gan ullachadh airson obair anns an roinn-lùth caochlach seo, neo gan neartachadh gu bhith a’ fiosrachadh agus a’ toirt buaidh air dhaoine eile tron eadar-ghluasad gu Suim Neoni.”
Thuirt Tormod MacCoinnich, Cathraiche Urras an Rubha agus Shanndabhaig: “Le bhith ag urrasachadh na h-àiteachan trèanaidh hàidhdreaidean seo, tha sinn ag ionmhasadh gu dìreach ann an daoine an seo anns na h-Eileanan an Iar agus gan cuideachadh a bhith a’ faighinn na sgilean agus misneachd a dh’fheumas iad airson pàirt a ghabhail anns na bliadhnaichean lùth-glan ri teachd. Tha fìor chomas aig hàidhdreaidean airson cothroman leantainneach a thoirt do na h-eileanan, agus tha sinn pròiseil taic a thoirt do luchd-ionnsachaidh ionadail a tha airson pàirt a chluich ann a bhith a’ cruthachadh teachd-shaoghal seasmhach do ar coimhearsnachdan.”
Tha Ionad Ghrìoda Sgilean Hàidhdreaidean agus Ro-Innleachd, Steòrnabhagh, na chom-pàirteachas eadar PlusZero Earr., Comhairle nan Eilean Siar agus OGE a Tuath, an Iar is Innse Gall, agus bidh dreuchd dheatamach aige ann an eaconomaidh hàidhdreaidean uaine nan Eilean Siar. Fo leasachaidh an-dràsta, tha an t-ionad a’ dol a chruthachadh goireasan ùra airson trèanadh practaigeach teicneòlas hàidhdreaidean, agus an ath ghinealach de rannsachadh leactroilisis agus deuchainnean practaigeach.
