Tha daoine a’ coimhead air adhart ris a’ choiseachd/ruith 5k agus rèis 10k aig Ionmhas Leanne am bliadhna, a tha a’ dol a ghabhail àite air Disathairne 24mh den Ògmhios. Air urrasachadh le Urras an Rubha agus Shanndabhaig, tha an tachartas – a-nis na cheathramh bliadhna deug – a’ dol a ghabhail àite air an t-slighe àbhaisteach aige, a’ tòiseachadh agus a’ crìochnachadh faisg air Sgoil an Rubha. Am bliadhna bidh cuideigin gu math sònraichte aig an tachartas, agus bidh a h-uile càil air fhoillseachadh air an là!
Tòisichidh clàradh airson a’ choiseachd/ruith aig 11m, leis an rèis 10k a’ tòiseachadh aig meadhan-là agus a’ choiseachd/ruith 5k a’ tòiseachadh aig 12:05. Thathar a’ brosnachadh dhaoine an t-aodach as dathach a th’aca a chuir orra, oir bidh duais ann airson an neach-ruith leis an deise as fheàrr! Faodaidh sibh clàradh air-loidhne aig www.entrycentral.com/TLF5K10K2023 neo tadhal air an oifis ùr aig 18 Bells Road, Steòrnabhagh, airson foirm-clàraidh a thogail.
Thuirt Manaidsear Leasachaidh Ionmhas Leanne, Chrisetta Mitchell: “Tha sinn mòr-thoilichte a bhith a’ dèanamh 5k/10k Ionmhas Leanne a-rithist am bliadhna agus tha sinn fada an comain Urras an Rubha agus Shanndabhaig airson an urrasachd leantainneil aca. Tha sinn fìor a’ coimhead air adhart ri bhith còmhla ri daoine a dh’aithnicheas sinn, agus tha sinn a’ toirt cuireadh blàth do luchd-coiseachd is ruitheadairean sam bith a tha airson faighinn an sàs anns an tachartas càirdeil againn.”
Tha rudan air a bhith a’ tachairt aig Ionmhas Leanne a thuilleadh air an tachartas. Chan ann a-mhàin gu bheil iad a’ dol a chrùnadh luchd-buannachaidh an 5k/10k airson 2023, ach tha iad cuideachd gan stèidheachadh fhèin anns an oifis ùr aca.
Thuirt Chrisetta: “’S e bliadhna de dh’atharraichidhean math a th’air a bhith ann airson an Ionmhas, agus sinn a’ gluasad gu togalach ùr agus a’ cumail oirnn a’ leudachadh ar seirbhisean bho ceann-a-tuath na h-Alba gu trì sgìrean ùra ann an ceann-a-deas na dùthcha le taic fialaidh bho Ionmhas Coimhearsnachd an Crannchur Nàiseanta.
“Mar phàirt den leasachadh seo tha sinn air fàilte a chuir air Ronah Muir, a tha a’ tighinn don sgioba againn mar Oifigear Taic Pròiseact. Tha sinn air bhioran mun chaibideil ùr seo, agus a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair leis na sgioban ùra CF agus a’ toirt taic do bharrachd theaghlaich.”
Thuirt Dòmhnall Iain MacSuain, Manaidsear Urras an Rubha agus Shanndabhaig: “Tha sinn cho toilichte sa ghabhas a bhith a’ toirt taic do Ionmhas Leanne a-rithist am bliadhna, agus tha sinn cuideachd air faighneachd do ar caraid SandiePhotos an tachartas a ghlacadh ann an dealbhan, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ris na dealbhan a roinn leibh. Tha fios againn cho cruaidh sa dh’obraich an sgioba aig Ionmhas Leanne airson an tachartas iongantach seo a chuir air dòigh, agus bidh sinn toilichte taic a thoirt do na ruitheadairean agus luchd-coiseachd air 3mh Ògmhios. An dòchas gum bi aodach-brèige iongantach ann cuideachd!”
Photos by SandiePhotos (Leanne Fund Run 2022)
Click to read this article in English.
