A’ comharrachadh taic eadar sgoil agus tuathanas-gaoithe coimhearsnachd

Thug bun-sgoil Leòdhasach Sgoil an Rubha cuireadh do na sgoilearan P7 aca, pàrantan, saor-thoilich agus buill-bùird an tuathanas-gaoithe coimhearsnachd ionadail a thighinn gu pàrtaidh-teatha an t-seachdain a chaidh, mar chomharrachadh air agus taing airson tabhartas a phàigh airson turas-sgoile a bh’aca o chionn ghoirid.

Shiubhal an clas de 16 clann gu Ionad Gnìomh Fairburn faisg air Inbhir-Nis airson an turas, far an do ghabh iad pàirt ann an iomadh gnìomh a-muigh anns an aimsir mhath. Chaidh cosgais an turas, a ghabh a-steach fastadh-bus agus ticeadan aiseag, a phàigheadh le tabhartas bho Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS), mar phàirt den phrògram tabhartasan-coimhearsnachd aca. Thuirt ceannard na sgoile, Donna NicLeòid: “Bha an turas a Fairburn gu math soirbheachail agus fhuair na sgoilearan P7 againn pàirt a ghabhail ann an iomadh gnìomh spòrsail, agus cuideachd a’ faighinn cothroman airson coileanadh pearsanta. Bha maoineachadh URS a’ ciallachadh gu robh cothromachd eadar a h-uile sgoilear againn agus cha deach cuideam-airgid sam bith a chuir air gin de na teaghlaichean againn, a tha a’ fàgail pàrantan ar sgoilearan P7 gu math taingeil. Tha luchd-obrach Sgoil an Rubha, pàrantan agus sgoilearan uile fìor thaingeil gu bheil taic leantainneach againn bho Urras an Rubha agus Shanndabhaig.”

A thuilleadh air teatha agus cèicichean, chuala am buidheann bho Anna NicPhàil, a tha na prìomh-thidsear, agus Kathleen Stiùbhart, a tha na riochdaire pàrantan, agus dh’innis iad beagan mu dheidhinn na rudan as fheàrr mun turas agus a thug taing foirmeil do URS airson an taic aca. Bha taic URS airson Sgoil an Rubha an cairteal seo aig £1190, a chleachdas an sgoil airson taic a thoirt do ghnìomhan-sgoile. Tha seo a’ gabhail a-steach pàrtaidh-fàgail P7 agus grunnan turas-sgoile.

Bha ball-bùird Urras an Rubha agus Shanndabhaig Dòmhnall MacDhòmhnaill am measg na daoine aig a’ phàrtaidh-teatha, agus thuirt e: “Bha sinn fìor thoilichte a bhith a’ toirt taic do turas Clas 7 am bliadhna – seo a’ chiad buidheann a fhuair cothrom a dhol ann bho thòisich Covid. Tha URS an còmhnaidh taingeil cuideachadh le cosgaisean an turas bliadhnail a Fairburn, agus am bliadhna bha sinn den bheachd gu robh e gu math cudromach na cosgaisean gu lèir a phàigheadh, a’ toirt uallach-airgid air falbh bho pàrantan aig àm far a bheil cosgaisean-taighe a’ sreap, a’ dèanamh cinnteach nach cailleadh sgoilear sam bith an cothrom pàirt a ghabhail anns an turas sgoinneil seo. Bha am pàrtaidh-teatha a chuir iad air dòigh airson pàrantan agus buill URS fìor mhath, agus chòrd e ris a h-uile duine a bhith a’ coimhead bhideo de na pìosan as fheàrr den turas.”

Click to read in English.

Photo by SandiePhotos